Gàidhlig Ìre 9 – Air an Làraich: 25 an t-Iuchar 2022
BHO: 25 Iuchar 2022GU: 29 Iuchar 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gàidhlig Ìre 9 – Air an Làraich
**Tha an cùrsa seo làn a-nis. Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh adhartach na Gàidhlig a tha air crìoch a chur air Ìrean 1–8 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo cùrsaichean co-ionann. Bidh an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson nan sgilean cànain aca a leasachadh. Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd is litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh. Thèid oileanaich a bhrosnachadh gus an cuid sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.
Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.
Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF:
SCQF 8

