Cùrsa Bàrdachd – Air an Làraich: 06 An Giblean 2026
Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.
Bàrdachd le Rody Gorman
Tha an cùrsa còig latha seo aig Sabhal Mòr Ostaig ag amas air daoine a tha ag iarraidh cur ri bàrdachd ann an Gàidhlig. Thèid a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla le chèile. Air a’ chùrsa, air a theagasg leis a’ bhàrd Rody Gorman, bithear a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an suidheachadh fosgailte, ga deasbad agus ga deasachadh. Thèid sùil a thoirt air na th’ ann de bhàrdachd Ghàidhlig ann an cruinneachaidhean an t-Sabhail cuideachd, mar shamhail do dh’oileanaich a’ chùrsa. Bidh cuideachd Bàrd air Aogheachd a nochdas agus a bhruidhneas air a c(h)uid bàrdachd air aon fheasgar den chùrsa. Ma leigeas an t-side leis, thèid sinn air sgrìob air a’ bhlàr a-muigh a sgrìobhadh is a dheasachadh ar cuid bàrdachd. Thathar an dùil gun leugh na h-oileanaich beagan de na sgrìobh iad air a’ chùrsa aig Cèilidh nan Oileanach a’ dlùthachadh ri deireadh na seachdaine. Bidh taghadh den obair ri fhaicinn air làrach-lìn na Colaiste ri tìde.
Clàr-ama na seachdaine:
Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

