Skip to content

Bàrdachd le Rody Gorman – Air an Làraich: 06 Giblean 2026

Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Bàrdachd le Rody Gorman

Rody GormanTha an cùrsa còig latha seo aig Sabhal Mòr Ostaig ag amas air daoine a tha ag iarraidh cur ri bàrdachd ann an Gàidhlig. Thèid a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla le chèile. Air a’ chùrsa, air a theagasg leis a’ bhàrd Rody Gorman, bithear a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an suidheachadh fosgailte, ga deasbad agus ga deasachadh. Thèid sùil a thoirt air na th’ ann de bhàrdachd Ghàidhlig ann an cruinneachaidhean an t-Sabhail cuideachd, mar shamhail do dh’oileanaich a’ chùrsa. Bidh cuideachd Bàrd air Aoigheachd a nochdas agus a bhruidhneas air a c(h)uid bàrdachd air aon fheasgar den chùrsa. Ma leigeas an t-side leis, thèid sinn air sgrìob air a’ bhlàr a-muigh a sgrìobhadh is a dheasachadh ar cuid bàrdachd. Thathar an dùil gun leugh na h-oileanaich beagan de na sgrìobh iad air a’ chùrsa aig Cèilidh nan Oileanach a’ dlùthachadh ri deireadh na seachdaine. Bidh taghadh den obair ri fhaicinn air làrach-lìn na Colaiste ri tìde.

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

Ceann-là

06 - 10 Gibl 2026
Tha an tachartas seo air crìochnachadh

Àite

Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578