Blasad na Breatnaise le Fañch Bihan-Gallic – Air loidhne: A’ Tòiseachadh 20 Dàmhair 2026
Thèid na clasaichean seo a theagasg gach Dimàirt eadar 19:00 agus 20:30 (seachd seachdainean).
Geàrr-chunntas
’S e cànan Ceilteach a tha gu sònraichte càirdeach don Chuimris agus don Chòrnais a tha sa Bhreatnais, agus a tha ga bruidhinn ann an ceann an iar na Breatainne Bige fhathast an-diugh. Anns a’ chùrsa ghoirid a tha seo gheobh sibh blasad den Bhreatnais agus de dhualchas nam Breatnach thairis air seachd leasanan.
Chan eilear an dùil gum bi e comasach dhuibh mòran a ràdhainn aig deireadh a’ chùrsa, agus ’s e am prìomh-amas beachd farsaing a thoirt dhuibh air a’ chànan agus mar a dh’obraicheas e. Ionnsaichidh sinn gràmar is facail bunaiteach gus seantansan sìmplidh a thogail. Seo na bhios romhainn a thaobh cànain:
- Leasan #1: Aibidil agus fuaimneachadh na Breatnaise
- Leasan #2: Beannachdan agus cur-an-aithne leis a’ chopail eo
- Leasan #3: Ainmearan agus an t-alt
- Leasan #4: Diùltadh agus an copail zo
- Leasan #5: Ema & modh leantainneach
- Leasan #6: Kaout & tràth caithte
- Leasan #7: An gnìomhair ober
A thuilleadh air sin, ionnsaichidh sinn beagan mu dhualchas nam Breatnach is sinn a’ bruidhinn air na cuspairean a leanas:
- Eachdraidh ghoirid na Breatainne Bige agus na Breatnais
- Litreachas eachdraidheil na Breatnaise
- Beul-aithris
- Ceòl dùthchasach
- Ainmean-àite Breatnach an Albainn
- Creideamh sa Bhreatainn Bhig
Ged nach e ach blasad a bhios ann, tha sinn an dùil gum faigh sibh sealladh farsaing air na cuspairean sin.

