Skip to content

Blasad na Breatnaise le Fañch Bihan-Gallic – Air loidhne: A’ Tòiseachadh 20 Dàmhair 2026

Thèid na clasaichean seo a theagasg gach Dimàirt eadar 19:00 agus 20:30 (seachd seachdainean).

 

Geàrr-chunntas

’S e cànan Ceilteach a tha gu sònraichte càirdeach don Chuimris agus don Chòrnais a tha sa Bhreatnais, agus a tha ga bruidhinn ann an ceann an iar na Breatainne Bige fhathast an-diugh. Anns a’ chùrsa ghoirid a tha seo gheobh sibh blasad den Bhreatnais agus de dhualchas nam Breatnach thairis air seachd leasanan.

Chan eilear an dùil gum bi e comasach dhuibh mòran a ràdhainn aig deireadh a’ chùrsa, agus ’s e am prìomh-amas beachd farsaing a thoirt dhuibh air a’ chànan agus mar a dh’obraicheas e. Ionnsaichidh sinn gràmar is facail bunaiteach gus seantansan sìmplidh a thogail. Seo na bhios romhainn a thaobh cànain:

  • Leasan #1: Aibidil agus fuaimneachadh na Breatnaise
  • Leasan #2: Beannachdan agus cur-an-aithne leis a’ chopail eo
  • Leasan #3: Ainmearan agus an t-alt
  • Leasan #4: Diùltadh agus an copail zo
  • Leasan #5: Ema & modh leantainneach
  • Leasan #6: Kaout & tràth caithte
  • Leasan #7: An gnìomhair ober

A thuilleadh air sin, ionnsaichidh sinn beagan mu dhualchas nam Breatnach is sinn a’ bruidhinn air na cuspairean a leanas:

  • Eachdraidh ghoirid na Breatainne Bige agus na Breatnais
  • Litreachas eachdraidheil na Breatnaise
  • Beul-aithris
  • Ceòl dùthchasach
  • Ainmean-àite Breatnach an Albainn
  • Creideamh sa Bhreatainn Bhig

Ged nach e ach blasad a bhios ann, tha sinn an dùil gum faigh sibh sealladh farsaing air na cuspairean sin.

 

 

 

Ceann-là
20 Dàmh 2026 - 01 Dùbh 2026
A' dol an-dràsta…
Uair
19:00 pm - 20:30 pm
Àite
Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578