Ceum teagaisg an t-Sabhail san treas àite san Rìoghachd Aonaichte
Tha an ceum aig Sabhal Mòr Ostaig airson tidsearan Gàidhlig air an treas àite a ghleidheadh air liosta nan cùrsaichean foghlaim do thidsearan ann an Stiùireadh a’ Ghuardian air Oilthighean airson 2026.
Air clàr nan oilthighean aig a’ Ghuardian bithear a’ rangachadh ionadan foghlaim a rèir chuspairean, agus bidh iad a’ beachdachadh air ìrean riarachaidh am measg oileanach, àireamhan luchd-obrach, na thathar a’ cosg, agus na cothroman dreuchdail a gheibh oileanaich às dèidh dhaibh ceumnachadh. Bho am measg 100 ionad agus 835 cùrsaichean foghlaim, ghlèidh am BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig – as urrainn do dhaoine a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig no UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall – an treas àite air liosta nan cùrsaichean foghlaim, agus iad a’ gleidheadh an àite sin còmhla ri trì cùrsaichean eile aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. Cha robh ann ach dà chùrsa foghlaim, bho Cambridge agus Oilthigh Bath, a bha air thoiseach orra.
Thuirt Gwen NicGuaire, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha am BA (le Urram) ann an Gàidhlig is Foghlam fìor chudromach dhan iomairt gus ginealach ùr de thidsearan Gàidhlig a thrèanadh, agus mar sin tha sònraichte math gun deach aithne nàiseanta a thoirt dhan chùrsa againn mar aon dhen fheadhainn as fheàrr ann am foghlam.
“Tha e mar amas dhuinn oideachadh sàr mhath a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig, agus tha sinn moiteil às mar a tha àrainneachd ionnsachaidh againn sam bithear a’ cur fàilte air a h-uile neach agus moiteil às an taic a bhios sinn a’ toirt do ar n-oileanaich às dèidh dhaibh ceumnachadh gus adhartas a dhèanamh nan dreuchd mar thidsearan Gàidhlig. Le bhith a’ gleidheadh an treas àite am measg nan cùrsaichean foghlaim san RA, chan e a-mhàin gu bheil sin na chomharra air an t-sàr ionnsachadh a bheir sinn seachad air a’ cheum BA ann am Foghlam is Gàidhlig, ach cuideachd tha e na chomharra air mar a tha na h-oileanaich againn a’ cumail orra a’ soirbheachadh às dèidh dhaibh crìoch a chur air a’ chùrsa.”
Thuirt an Dr Marsaili NicLeòid, Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha an inbhe seo a fhuaras bhon Ghuardian a’ toirt aithne dhan obair chruaidh a thathar a’ dèanamh gus cùrsa BA a dhealbh is a theagasg a tha am measg na feadhna as fheàrr san Rìoghachd Aonaichte. Seo an aon ceum ann am Foghlam Thidsearan ann an Alba a tha air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e deatamach dhan iomairt gus tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile Gàidhlig a thrèanadh aig àm nuair a tha iarrtas mòr ann airson leithid a thidsearan. Tha e mar dhearbhadh air an adhartas a rinneadh a thaobh na Gàidhlig – agus foghlam na Gàidhlig – sna 50 bliadhna a dh’fhalbh gu bheil ceum airson tidsearan Gàidhlig a’ faighinn inbhe is aithne mar seo agus e a’ farpais an aghaidh chùrsaichean aig cuid de na h-oilthighean as fheàrr san RA.”
Gheibhear Stiùireadh slàn a’ Ghuardian an seo: Stiùireadh a’ Ghuardian air Oilthighean 2026 – rangachadh | Stiùireadh air oilthighean | The Guardian

