Skip to content
gaelic-education-banner

Mar a nithear iarrtas – Cùrsaichean Goirid

Chan fhaodar ach aona chùrsa a dhèanamh tron t-seachdain.

Feumaidh gach duine iarrtas fa leth a dhèanamh, a’ cleachdadh seòladh puist-d fa leth. Chan fhaod barrachd air aon duine clàradh leis an aon foirm.

Airson iarrtas a dhèanamh, le àite-fuirich air neo às aonais, lean na ceanglaichean dhan chùrsa a tha thu ag iarraidh. Ma tha thu clàraichte ann am foghlam làn-ùine, air neo air fear de na cùrsaichean air astar againne – An Cùrsa Inntrigidh no An Cùrsa Adhartais – bidh thu airidh air prìs oileanaich. Mura h-eil, tagha prìs “Standard”.

Ma bhios cuideigin eile a’ pàigheadh nan cìsean, mar eisimpleir fastaiche, air neo ma gheibh thu bursaraidh, tagh prìs “Funded/Maoinichte” agus gheibhear fàirdeal a dh’fhaodas tu a chur air adhart thuca. Às dèidh dhut am foirm a lìonadh, cuir dhan bhasgaid agad e, agus gheibh thu an uair sin cothrom àite-fuirich a chlàradh.

ÀITE-FUIRICH

Chan eil àite-fuirich ri fhaighinn ach do dh’oileanaich is daoine a bhios sa cheart sheòmar còmhla riutha, is bu chòir an seòmar a chlàradh aig a’ cheart àm ‘s a thèid an cùrsa a chlàradh.

Tagh an seòmar a tha tha air dhìth ort – singilte/dithis/so-ruigsinneach (thoir an aire nach eil e ceadaichte seòmar airson dithis a chlàradh do dh’aon duine). Tagh “Oidhche Dhòmhnaich – Ardaoin” agus an tiogaid (Standard / Oileanach / Maoinichte), còmhla ris a’ cheann-latha a bhios tu a’ ruigsinn na Colaiste, is cuir dhan bhasgaid agad e. Faodar tilleadh is oidhche Haoine/Shathairne a chur ris mar a bhios iomchaidh.

Ma bhios tu a’ siubhal còmhla ri cuideigin eile a bhios a’ fuireach san t-seòmar còmhla riut agus nach bi a’ dèanamh cùrsa, cuir fios air a’ chlàradh àite-fuirich agad fhèin is chan fheumar iarrtas fa leth a dhèanamh dhaibhsan. Ma tha do charaid an dùil cùrsa a dhèanamh ge-tà, feumar iarrtas-cùrsa fa leth a lìonadh air an son fhèin.

DEARBHADH

Às dèidh dhut na foirmichean a lìonadh, cliog air a’ bhasgaid airson pàigheadh – feumar seo a dhèanamh fiù ’s mura bi dad ri phàigheadh. Gheibh thu post-d le ceangal-dearbhaidh. Mura faighear seo taobh a-staigh beagan mhionaidean, thoir sùil air a’ phasgan “junk” agad is cuir an seòladh puist-d againn ris an liosta “safe senders” agad. Mura tèid an clàradh a dhearbhadh leis a’ cheangal, thèid a chur dheth leis an t-siostam.

Sgaoilidh sinn “Joining Instructions” tron t-seachdain mus tòisich a’ chùrsa.

DUILGHEADASAN TEICNEÒLAIS

Airson taic a bharrachd, cuir fios thugainn:

Fòn: 01471 888 246 (+44 1471 888 246 bho thall thairis)

Post-d:

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578