Skip to content

DipHE Na Meadhanan Gàidhlig

DUAIS: Dioplòma Foghlam Àrd-ìre
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich
DÈ CHO FADA: 2 BHLIADHNA
CÒD: UP390
NEACH-STIÙIRIDH: Catrìona NicIain
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

MÌNEACHADH

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ tairgsinn chùrsaichean trèanaidh anns na meadhanan Gàidhlig airson còrr is fichead bliadhna. Tha cruth a’ chùrsa seo agus an trèanadh aig Sabhal Mòr Ostaig air cothrom a thoirt do dhaoine a dhol an sàs ann an iomadach dreuchd eadar-dhealaichte anns na meadhanan agus tha còrr is 80% de dhaoine a rinn an cùrsa seo a-nis a’ dèanamh am beò-shlàint anns a’ ghnìomhachas.

Thèid DipHE Na Meadhanan Gàidhlig a lìbhrigeadh le Sabhal Mòr Ostaig an co-bhann le gnìomhachas craolaidh is nam meadhanan an Alba. Tha Bliadhna 1 stèidhichte sa Cholaiste, agus tha greis-ghnìomhachais fad 10 mìosan ann am Bliadhna 2, ann an saoghal craolaidh no sna meadhanan.

Bidh cothrom aig na h-oileanaich tron chùrsa seo na sgilean teicnigeach, cruthachail is eagrachaidh riatanach ionnsachadh gus am bi iad ullaichte don t-saoghal obrach fhad ’s a tha iad a’ neartachadh an sgilean cànain aig a’ Cholaiste agus ann an coimhearsnachd na Gàidhlig. Bidh an teisteanas seo na bhuannachd do luchd-ionnsachaidh is iad a’ cur eòlas air sgilean sònraichte a’ ghnìomhachais cho math ri sgilean a rachadh cleachdadh ann an iomadh slighe obrach.

’S e amas a’ chùrsa seo gun tèid ceumnaichean ullachadh airson a’ ghnìomhachais fhèin a dhealbhadh san àm ri thighinn.

Bidh an teisteanas freagarrach do dhaoine a tha airson dreuchd fhaighinn anns na meadhanan Gàidhlig agus airson an cuid eòlais, sgilean is dòighean-obrach a neartachadh airson an deisealachadh do shaoghal na h-obrach anns an roinn seo.

 

SUSBAINT

Tha ionnsachadh is teagasg a’ phrògraim seo stèidhichte air cleachdadh proifeiseanta agus e air a dhealbhadh gus comasan an neach fhèin is comasan buidhne a leasachadh airson an cleachdadh obrach sin a thoirt am feabhas. Gheibh oileanaich cothrom na sgilean teicnigeach, cruthachail is eagrachaidh riatanach ionnsachadh gus am bi iad ullaichte don t-saoghal obrach fhad ’s a tha iad a’ neartachadh an sgilean cànain aig a’ Cholaiste agus ann an coimhearsnachd na Gàidhlig.

Bidh an teisteanas seo na bhuannachd do luchd-ionnsachaidh is iad a’ cur eòlas air sgilean sònraichte a’ ghnìomhachais cho math ri sgilean a rachadh cleachdadh ann an iomadh slighe obrach. ’S e amas a’ chùrsa seo gun tèid ceumnaichean an ullachadh airson a’ ghnìomhachais fhèin a dhealbhadh san àm ri thighinn.

Thèid oileanaich a theagasg ann an suidheachadh obrach riochdachaidh agus gheibh iad cothrom tro structar a’ phrògraim-ionnsachaidh an cuid eòlais a chur an sàs agus atharrachadh a rèir feum an luchd-fastaidh. Bidh na h-oileanaich ag obair cuide ri proifeiseantaich bhon ghnìomhachas air feadh a’ phrògraim, thar caochladh mhodalan is iad a’ faighinn chothroman gus lìonraidhean obrach a neartachadh.

Ann am Bliadhna 1 den DipHE Na Meadhanan Gàidhlig, gheibh oileanaich cothrom seachdain-obrach a chur seachad le aonad craolaidh a-muigh a’ BhBC aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. Bidh sàr-chlasaichean ann tron phrògram le eòlaichean nàiseanta is eadar-nàiseanta air sgilean teicnigeach, riochdachaidh is conaltraidh.

MODALAN RIATANACH

Naidheachdas: Rèidio agus Telebhisean

Module Code: UP307002
Credits: 20

Tha am modal seo a’ toirt tuigse dha na h-oileanaich air modhan-obrach agus cleachdaidhean roinn na naidheachdan an dà chuid ann a rèidio agus telebhisean. Tha oileanaich ag ionnsachadh nan sgilean bunaiteach a tha a dhìth airson sgeulachdan naidheachd a chlàradh agus a lìbhrigeadh. Anns an obair phractaigeach feumaidh oileanaich sgeulachd naidheachd a rannsachadh, a chlàradh agus a ghearradh airson rèidio agus airson telebhisein. Tha aiste ghoirid ri sgrìobhadh cuideachd.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Tuigse air dòighean-obrach an t-seòmar naidheachd.
  • Comas sgeulachd naidheachd a chraoladh airson rèidio agus telebhisein.
  • Comas sgilean cànain is conaltraidh a chur gu feum ann an obair phròiseict.

Rannsachadh agus Riochdachadh airson Telebhisean

Module Code: UP307003
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich ag ionnsachadh nan sgilean rannsachaidh a tha deatamach airson prògraman telebhisean a thoirt gu buil. Tha oileanaich ag ionnsachadh nam modhan-obrach co-cheangailte ri bhith a’ riochdachadh phrògram telebhisean agus a’ faighinn tuigse air diofar stoidhlichean phrògraman. Anns an obair phractaigeach feumaidh gach oileanach prògram aithriseach 5 mionaidean fhiolmadh. Tha log sgrùdaidh ri sgrìobhadh cuideachd.

As dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas sgrùdadh a dhèanamh air diofar phrògraman telebhisein.
  • Tuigse air na modhan-obrach riochdachaidh airson prògram telebhisein a tharraing ri chèile.
  • Comas sgilean cànain is conaltraidh a chur gu feum ann an obair pròiseict.

Riochdachadh Rèidio

Module Code: UP307004
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich ag ionnsachadh nan sgilean a tha deatamach airson prògraman rèidio a chlàradh. Tha oileanaich ag ionnsachadh nam modhan-obrach co-cheangailte ri bhith a’ riochdachadh phrògram rèidio agus a’ faighinn tuigse air diofar stoidhlichean phrògraman. Anns an obair phractaigeach feumaidh gach oileanach prògram rèidio 5 mionaidean a rannsachadh, a phlanadh, a chlàradh agus a dheasachadh.  Tha aiste ri sgrìobhadh cuideachd.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas sgrùdadh a dhèanamh air diofar prògraman rèidio.
  • Tuigse air na modhan-obrach riochdachaidh airson prògram rèidio a chlàradh.
  • Comas prògram rèidio a chlàradh.
  • Comas sgilean cànain is conaltraidh a chur gu feum ann an obair pròiseict.

Sgilean Deasachaidh

Module Code: UP307006
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich ag ionnsachadh nam modhan-obrach agus nan sgilean practaigeach a tha deatamach airson prògraman telebhisein a dheasachadh. Anns an obair phractaigeach feumaidh gach oileanach prògram aithriseach 5 mionaidean a dheasachadh.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas an t-ullachadh iomchaidh a dhèanamh airson prògram 5 mionaidean a dheasachadh.
  • Comas air a’ chiad dreach de phrògram a dheasachadh.
  • Tuigse air na modhan-obrach deasachaidh airson prògram telebhisein a chruthachadh

Sgilean Conaltraidh airson Nam Meadhanan

Module Code: UP307005
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich ag ionnsachadh nan sgilean practaigeach a tha deatamach airson sgrìobhadh agus aithris anns nam meadhanan. Anns an obair phractaigeach feumaidh gach oileanach sanasachd airson prògram a sgrìobhadh ann an diofar dhòighean a tha aithnichte agus freagarrach airson a’ ghnìomhachais. Feumaidh gach oileanach cuspair airson agallaimh a rannsachadh, a phlanadh agus a chlàradh an da chuid airson rèidio agus telebhisein.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Tuigse air a’ bhuaidh a th’ aig modhan-obrach craolaidh air a neach-obrach.
  • Comas sgrìobhaidh a rèir feumalachdan a’ ghnìomhachais agus aithris air beulaibh maicreafòn.
  • Comas sgilean cànain is conaltraidh a chur gu feum anns an obair aca.

Sgilean Teicnigeach

Module Code: UP307007
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich ag ionnsachadh nan sgilean camara, fuaim agus solais a tha deatamach airson prògram telebhisein fhiolmadh . Tha oileanaich cuideachd ag ionnsachadh na tha sàs ann an  obair sgioba fhiolmadh. Anns an obair phractaigeach feumaidh gach oileanach obair neach-camara agus neach-fuaim a dhèanamh airson prògram aithriseach 5 mionaidean fhiolmadh.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas obair camara iomchaidh a dhèanamh a rèir feumalachdan prògram sònraichte.
  • Comas air fuaim a chlàradh a rèir feumalachdan prògram sònraichte.
  • Comas sgilean solais iomchaidh a dhèanamh a rèir feumalachdan prògram sònraichte.

MODALAN ROGHAINNEIL

Obair Sgioba Èifeachdach

Module Code: UQ508464
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich a’ faighinn  greis gnìomhachais anns na meadhanan a bheir dhaibh cothrom na sgilean obrach aca a  leasachadh. Bidh na h-oileanaich a’ cur seachad ùine le diofar chompanaidhean a rèir nan cothroman trèanaidh a tha a dhìth. Feumaidh oileanaich log a chumail den ghreis gnìomhachais agus luachadh a dhèanamh air.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Tuigse air na sgilean pearsanta a tha deatamach airson fèin-leasachadh anns an sgioba riochdachaidh.
  • Comas greis gnìomhachais soirbheachail a choileanadh.
  • Comas luachadh a dhèanamh air greis gnìomhachais

Sgilean Dreuchdail

Module Code: UP308406
Credits: 40

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich a’ faighinn cothrom na sgilean proifeiseanta aca a leasachadh tro greis gnìomhachais anns na meadhanan. Anns an obair phractaigeach feumaidh oileanaich 10 mionaidean de shusbaint, a tha freagarrach airson telebhisean, rèidio no an eadar-lìon, a riochdachadh.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas obair ro-riochdachadh, riochdachadh agus fo-riochdachadh iomchaidh a rèir feumalachdan a’ ghnìomhachais a dhèanamh.

A’ Deasachadh airson Obair

Module Code: UQ508462
Credits: 40

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich a’ leasachadh nan sgilean obrach agus nan sgilean cànain aca tro greis gnìomhachais anns na meadhanan Gàidhlig. Tha oileanaich a’ deasachadh CBh a-tha iomchaidh airson feumalachdan a’ ghnìomhachais agus tha iad a’ deasachadh agus a’ lìbhrigeadh dà bheachd  airson prògraman. Tha aiste ri sgrìobhadh cuideachd.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Tuigse air na sgilean fèin-leasachaidh a tha deatamach airson a bhith ag obair anns an meadhanan.
  • Comas beachdan airson prògraman a leasachadh agus a lìbhrigeadh gu ìre phroifeiseanta.

A’ Leasachadh Sgilean Eadar-Phearsanta

Module Code: UQ508463
Credits: 20

Anns a’ mhodal seo tha oileanaich a’ faighinn cothrom ùine shònraichte a chur seachad air greis gnìomhachais anns na meadhanan. Tha aig oileanaich ri leabhar-là/log a chumail airson gach seachdain.

Às dèidh crìoch a chur air a’ mhodal bu chòir na leanas a bhith aig oileanaich:

  • Comas greis gnìomhachais a choileanadh gu soirbheachail.
  • Tuigse air na sgilean pearsanta a tha deatamach airson fèin-leasachadh airson obair anns na meadhanan.

Feumalachdan Inntrigidh

Teisteanasan

  • 3 Àrd-ìrean SQA aig ìre BBC, le Gàidhlig aig ìre B nam measg; no
  • Teisteanas foirmeil a leithid ceum oilthigh, HNC no HND, ach tha inntrigeadh air a’ chùrsa an urra ris a’ Cholaiste.

Calum MacIlleathain

Sgilean Cànain

Tha fileantachd sa Ghàidhlig riatanachd. Bithear an dùil, a rèir an ionaid, gun taisbean tagraichean cho fileanta is a tha iad ann an Gàidhlig labhairteach is sgrìobhte agus thèid seo a mheasadh sa phròiseas agallaimh.

Bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ tabhann cùrsaichean bogaidh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha ag iarraidh a’ chùrsa seo no cùrsaichean sam bith eile aig Ìre Fo-cheum a dhèanamh.

A’ cur a-steach Iarrtas

Feumar tagradh a dhèanamh tro Sheirbheis Inntrigidh Oilthighean is Cholaistean (UCAS). Is e seo am prìomh sheirbheis inntrigidh airson a h-uile oilthigh agus colaiste foghlaim àrd-ìre san RA.

COSGAISEAN A’ CHÙRSA 2024/25

* Anns a’ mhòr-chuid de chùisean, thèid na cìsean aig oileanaich a tha a’ fuireach ann an Alba a phàigheadh le Buidheann Thabhartasan Oileanach na h-Alba (SAAS) agus dh’fhaodadh gum bi iad airidh air taic cosgais bith-beò.


Oileanaich làn-ùine, cìs gach bliadhna (120 creideas)

£0.00

Gheibh thu cosgaisean airson gach dòigh ionnsachaidh agus gach cùrsa an seo (PDF)

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578