
Cùrsaichean Cànain
Às bith càite bheil thu san t-saoghal tha cothrom agad air Gàidhlig ionnsachadh còmhla rinn. Tha na cùrsaichean air astar aig Sabhal Mòr Ostaig air an dealbhadh gus làn chothrom a thoirt do dh’oileanaich fàs fileanta sa chànan agus a dhol air adhart gu cùrsaichean tro mheadhan na Gàidhlig. Tha na prògraman for-cheum againn – tro theagasg no tro rannsachadh – tro mheadhan na Gàidhlig, eadar ceumannan maighstireachd fad bliadhna agus cothroman PhD anns am faighear sàr theagasg agus stiùireadh.
Carson a dhèanadh tu rannsachadh for-cheum cuide rinn aig Sabhal Mòr Ostaig?
SÙBAILTE
Faodar na for-cheumannan againn a dhèanamh làn-ùine no pàirt-ùine, agus air an làraich no tro ionnsachadh measgaichte no air astar, gus an tèid agad air an t-slighe a fhreagras ort fhèin a lorg.
CÀNAN
Tha a’ Ghàidhlig aig teis-meadhan ar coimhearsnachd, ar cuid obrach agus na bhios romhainn. Tha Sabhal Mòr Ostaig a’ cur roimhe gun tèid cànan, cultar is dualchas nan Gàidheal a leasachadh is a neartachadh tro chothroman foghlaim, trèanaidh is rannsachaidh tro mheadhan na Gàidhlig.
GOIREASAN FOGHLAIM IS CULTARAIL
’S e Sabhal Mòr Ostaig Ionad Nàiseanta na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach. Tha an luchd-obrach acadaimigeach againn air cuid de na sgoilearan as cliùitiche ann an saoghal na Gàidhlig is na Ceiltis. Tha beairteas de ghoireasan sgoileireil rim faighinn am measg cruinneachaidhean an leabharlainn againn agus tha grunn phròiseactan cànanach is cultarail stèidhichte ann, a leithid Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Ainmean-Àite na h-Alba.
Mar oileanach for-cheum, bidh cothroman gu leòr agad a thighinn an sàs anns a’ choimhearsnachd Ghàidhlig againn ann an iomadh dòigh, anns an t-sreath de dh’òraidean àm-lòin againn (le luchd-obrach, oileanaich is luchd-tadhail), Òraid an t-Sabhail, taisbeanaidhean agus tachartasan ciùil.