Skip to content
Picture of staff member

Catrìona NicIain

Stiùiriche DipHE Na Meadhanan Gàidhlig

01471 888 336

Tuairisgeul pearsanta

Tha Catrìona air a bhith ag obair anns na meadhanan bho 1987. Thòisich i mar neach-rannsachaidh is preasantair rèidio mus do ghluais i gu obair telebhisean le STV ann an 1990, far an robh i ag obair mar rannsaiche agus co-riochdaire airson dà bhliadhna. Às dèidh sin, bha Catrìona ag obair air a ceann fhèin aig diofar chompanaidhean telebhisean. Às dèidh beagan bhliadhnaichean, chaidh i a dh’obair gu Telebhisean Grampian mar riochdaire is preasantair.

Teagasg

UP307002 7 Naidheachdas: Rèidio agus Telebhisean UP307003 7 Rannsachadh agus Riochdachadh airson Telebhisean UP307004 7 Riochdachadh Rèidio UP307005 7 Sgilean Conaltraidh airson nam Meadhanan UP307006 7 Sgilean Deasachaidh UP307007 7 Sgilean Teicnigeach UP308406 8 Sgilean Dreuchdail UQ508462 8 A’ Deasachadh airson Obair UQ508463 8 A’ Leasachadh Sgilean Eadar-Phearsanta UQ508464 8 Obair Sgioba Èifeachdach

Fios a bharrachd

Tha Catrìona na ball de Chomataidh Deagh Ghnè na Colaiste. Tha i a’ riochdachadh Sabhal Mòr Ostaig air Comataidh Comhairleachaidh Greisean Gnìomhachais anns na Meadhanan. Tha i na ball de Buidheann Comhairleachaidh nan Oileanach Aig Sabhal Mòr Ostaig.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578