MEd Foghlam Gàidhlig
DUAIS: Maighstireachd ann am FoghlamDÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 3 BLIADHNA
CÒD: UQ539
NEACH-STIÙIRIDH: Anna Thirkell
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )
MÌNEACHADH
’S e prògram trì-bliadhna de dh’ionnsachadh proifeiseanta a th’ anns a’ Cheum Mhaighstireachd ann am Foghlam (MEd) ann am Foghlam Gàidhlig. Tha e a’ cur ri soirbheachadh a’ chùrsa Streap, Teisteanas Iar-cheuma ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a chaidh a lìbhrigeadh an com-pàirteachas le Oilthigh Obar Dheathain eadar 2005 is 2022.
SUSBAINT
’S ann air na leanas a bhios an MEd Foghlam Gàidhlig stèidhichte:
- Oide-eòlas bogaidh is sàr-chleachdadh ann am foghlam bogaidh eadar-nàiseanta
- Rannsachadh, poileasaidh is cleachdadh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig
- Neartachadh comasan Gàidhlig nan sgoilearan
- Neartachadh misneachd is comasan nan com-pàirtichean sa Ghàidhlig agus an cuid tuigse air is cleachdadh de ghràmar na Gàidhlig
- Neartachadh tuigse air cultar is fèin-aithne na Gàidhlig an lùib a’ chlàir-oide
- Cumail taic ri measgachadh de luchd-ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Air cheann ionnsachaidh ann am foghlam Gàidhlig
- Rannsachadh an neach-cleachdaidh a chuireas is a leasaicheas cleachdadh
Tha prògram an MEd Foghlam Gàidhlig stèidhichte air modalan ceumnach a leigeas le com-pàirtichean togail gu leantainneach air an eòlas stèidhichte aca. Tha an ceum a’ tighinn gu crìch le sgrùdadh deireannach an neach-cleachdaidh a th’ air a dhealbhadh airson leigeil le com-pàirtichean an cuid eòlais, sgilean is tuigse phroifeiseanta a tha iad air leasachadh tron phrògram a chur gu feum gus taic a chumail ri leasachadh san t-suidheachadh obrach aca fhèin.
Structar a’ Chùrsa
Faodaidh com-pàirtichean aon, dhà no trì bliadhna a roghnachadh airson nan duaisean a leanas fhaighinn:
Bliadhna 1: Teisteanas Iar-Cheumnach ann am Foghlam (PGCE) ann am Foghlam Gàidhlig – 60 creideasan
Bliadhna 2: Dioplòma Iar-Cheumnach ann am Foghlam (PGDE) ann am Foghlam Gàidhlig – 120 creideasan
Bliadhna 3: Ceum Maighstireachd ann am Foghlam (MEd) ann am Foghlam Gàidhlig – 180 creideasan
Faodaidh com-pàirtichean am prògram fhàgail an dèidh bliadhna no dà bhliadhna agus tilleadh taobh a-staigh còig bliadhna gus duais eile a choileanadh.
Lìbhrigeadh a’ Chùrsa
Tha an MEd Foghlam Gàidhlig gu lèir air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig, a leigeas le com-pàirtichean an cuid sgilean litearrachd sa Ghàidhlig a leasachadh fhad is a tha iad a’ toirt an cuid eòlas proifeiseanta, tuigse is sgilean air foghlam Gàidhlig am feabhas.
’S ann air-loidhne a tha cuid mhòr den phrògram air a lìbhrigeadh agus chaidh a dhealbhadh gus an tèid a dhèanamh cuide ri dleastanasan proifeiseanta eile. Thèid latha aghaidh-ri-aghaidh a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig aig toiseach na bliadhna acadaimigich far an urrainn do chom-pàirtichean is oidean a’ phrògraim coinneachadh ri chèile.
Bidh com-pàirtichean an sàs ann an gnìomhan air-loidhne gach cola-deug cho math ri clasaichean air-loidhne gus am bi conaltradh cunbhalach ann agus co-obrachadh eadar com-pàirtichean is oidean.
MODALAN RIATANACH
Module Code:
Credits: 20
Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo a’ toirt seachad eòlas is tuigse air na prìomh theòiridhean, bun bheachdan is prionnsapalan an lùib togail cànain. Bidh cothroman ann beachdachadh air ciamar a tha iad co-cheangailte ri teagasg na Gàidhlig (mion-chànan) tron dòigh bhogaidh ann an suidheachadh cultarail ioma-chànanach. Bithear a’ beachdachadh air na teòiridhean togail cànain iomchaidh ann am foghlam bogaidh agus a’ sgrùdadh nam prìomh theòiridhean cognatach an lùib dà-chànanachas is dà-litearrachd agus a’ bhuaidh aig seo air a’ churraicealam agus dòighean-obrach an t-seòmair-teagaisg.
Nithear sgrùdadh air a’ ghluasad a th’ air nochdadh ann an teòiridhean togail cànain bho bhliadhnachan tràth foghlam bogaidh, gu h-àraid a thaobh dhòighean-obrach oide-eòlach. Tha buaidh chudromach aig a’ ghluasad seo air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaobh fileantachd luchd-ionnsachaidh agus coileanadh acadaimigeach. Bithear a’ beachdachadh air na chuirear a-steach ann an cànan is na gheibhear a-mach cho math ris an fheum air barrachd fòcas air feartan cànain an lùib teagasg bogaidh a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig is foghlam luchd-ionnsachaidh.
Bithear a’ cur eòlas air rannsachadh eadar-nàiseanta air cuspairean, a leithid teagasg a’ churraicealaim tro mhion-chànan do luchd-ionnsachaidh a’ chiad is an dàrna cànain, agus dòighean-sgrùdaidh air eòlas is tuigse luchd-ionnsachaidh dà-chànanach. Bidh com-pàirtichean a’ leasachadh sgilean ionnsachaidh a chuireas iad fhèin an sàs san t-suidheachadh aca fhèin is iad a’ cur eòlas air oide-eòlas, foghlam bogaidh is togail cànain.
Susbaint a’ Mhodail
Bidh an t-susbaint stèidhichte air na leanas:
- A’ mìneachadh foghlam dà-chànanach, foghlam bogaidh agus eachdraidh foghlam bogaidh is foghlam Gàidhlig ann an Alba.
- Teòiridhean a thaobh nam feartan an lùib phrògraman bogaidh stèidhichte agus sàr eisimpleirean eadar-nàiseanta.
Na buannachdan an cois dà-chànanachais agus dà-litearrachd. - Na teòiridhean a thug buaidh air foghlam bogaidh aig an toiseach agus na teòiridhean a lean, agus rannsachadh a tha cha mhòr gu h-aona-ghuthach a-nis, a tha a’ tuigsinn gu bheil feum air barrachd fòcas air feartan cànain, no stèidhichte air foirm, ann an teagasg bogaidh. Teòiridhean oide-eòlais a thaobh Content and Language Integrated Learning (CLIL) agus Content Based Language Teaching (CBLT), agus togail cànain airson luchd-ionnsachaidh ciad is dàrna cànain.
- An teòiridh a tha mar bhun-stèidh teagaisg cànain tro shusbaint, agus dòigh-obrach cho-chothromach airson comas cànain a neartachadh.
- Buaidh leasachadh cànain, dà-chànanachais is dà-litearrachd air dòighean-teagaisg, coimhearsnachdan sgoile agus a’ bhuaidh nas fharsainge airson ath-bheothachadh cànain agus ideòlas is fèin-aithne chànanach.
Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
A’ taisbeanadh eòlas is tuigse bhreithneach air na prìomh phrionnsapalan is teòiridh ann am foghlam bogaidh modh-eòlas togail cànain. - Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
A’ taisbeanadh eòlas is tuigse air prionnsapalan is gnìomhan foghlam bogaidh Gàidhlig. - Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
A’ sònrachadh is a’ measadh mhodhan-obrach ann an oide-eòlas bogaidh. - Buil Ionnsachaidh 4 (LO4):
A’ tarraing is a’ meòrachadh air fiosrachadh à caochladh thùsan is a’ cleachdadh sgilean sgrùdaidh iomchaidh.
Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Cànain 1 (LaO1):
A’ leasachadh cànan proifeiseanta sa Ghàidhlig airson a thaisbeanadh do luchd-èisteachd agus airson a chleachdadh ann an deasbadan pearsanta is com-pàirteachaidh a thaobh foghlam Gàidhlig, foghlam bogaidh, togail cànain is measadh poileasaidh is cleachdadh na Gàidhlig. - Buil Cànain 2 (LaO2):
A’ taisbeanadh leasachadh chomasan airson stiùireadh gràmair na Gàidhlig a chur an sàs anns gach taobh de litearrachd.
Module Code:
Credits: 20
Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo a’ togail air eòlas is tuigse phroifeiseanta nan com-pàirtichean air ionnsachadh mion-chànain agus air an cuid eòlais is tuigse air bogadh cànain airson luchd-ionnsachaidh a’ chiad is an dàrna cànain.
Bidh cuid mhath den mhodal stèidhichte air oide-eòlas is dòighean-obrach a leasaicheas is a neartaicheas fileantachd sa Ghàidhlig is coileanadh acadaimigeach nan sgoilearan. Thèid an t-oide-eòlas agus na dòighean-obrach seo a shuidheachadh an lùib fhrèaman teòiridheach, mar eisimpleir dòighean-obrach airson cànan a theagasg tro chuspair agus poileasaidh curraicealaim na h-Alba anns an latha an-diugh.
Cumaidh am modal taic ri com-pàirtichean is iad a’ meas nam buannachdan don neach-ionnsachaidh an cois cruthachadh àrainn Gàidhlig nas beartaiche ann an suidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus coimhearsnachdan sgoile nas fharsainge. Bidh cothroman ann airson dleastanasan nam prìomh chom-pàirtichean a sgrùdadh is beachdachadh orra, mar eisimpleir luchd-solair ghoireasan clas, pàrantan agus a’ choimhearsnachd sgoile nas fharsainge is iad a’ toirt àrainn Ghàidhlig nas beartaiche gu buil. Bidh com-pàirtichean a’ taisbeanadh gnìomh an lùib rannsachadh is sgrùdadh ro-innleachdan, is iad a’ co-obrachadh le proifeiseantaich ann an suidheachaidhean eile tro mheadhan na Gàidhlig, airson fileantachd is misneachd an luchd-ionnsachaidh a neartachadh san sgoil aca fhèin cho math ri sgoiltean eile. Agus bidh cothrom aig com-pàirtichean an cuid comais is misneachd fhèin sa Ghàidhlig a leasachadh agus beum ga chur air leasachadh cainnt bheartach agus ghnàthasan-cainnt.
Susbaint a’ Mhodail
Bidh an t-susbaint stèidhichte air na leanas:
- Na feartan an lùib làn-bhogadh agus ìre bhogaidh agus beachdachadh air dòighean-obrach. Poileasaidhean làithreach (nàiseanta, ionadail agus san sgoil) airson foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh agus mar a tha poileasaidhean co-cheangailte ri dòighean-obrach.
- An rannsachadh air cleachdadh na Gàidhlig le sgoilearan agus comasan sa Ghàidhlig agus beachdachadh air dòighean-obrach. Comas is misneachd thidsearan sa chànan agus ciamar a b’ urrainnear taic a chumail ris.
- Oide-eòlas a chumas taic ri togail cànain, fileantachd agus coileanadh acadaimigeach ann an suidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig: mar eisimpleir, mar a bhios sinn a’ teagasg cànain tro chuspair; ionnsachadh com-pàirteachaidh; a’ toirt taic do ionnsachadh tro sgafallachd; a’ diofarachadh an ionnsachaidh; ionnsachadh eadar-chuspaireil; fòcas air feartan cànain agus ro-innleachdan co-chothromachaidh a tha freagairteach no ro-ghnìomhach. A thuilleadh air seo, cuirear beum air leasachadh ionnsachadh cànain is coileanadh acadaimigeach luchd-ionnsachaidh L1 is L2 agus air suidheachaidhean is clasaichean ioma-ìre.
- Na dleastanasan aig prìomh chom-pàirtichean, mar eisimpleir pàrantan is luchd-tadhail a tha fileanta sa Ghàidhlig, airson àrainn Ghàidhlig bheartach a thoirt seachad, cuide ri goireasan clas iomchaidh is freagarrach is cothroman ionnsachaidh gnìomhach; mar eisimpleir, Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Sabhal Mòr Ostaig, Giglets, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, Tobar an Dualchais agus FilmG. A’ bhuaidh aig taic bhon choimhearsnachd Ghàidhlig air com-pàirteachadh leis an luchd-ionnsachaidh – co-roinn sgilean, Developing the Young Workforce (DYW), com-pàirteachadh ann an tachartasan carthannach, spòrs, com-pàirteachadh leis na meadhanan-sòisealta agus pròiseactan cultarail thar a’ churraicealaim.
- Rannsachadh luchd-cleachdaidh leis na h-oileanaich anns a bheil dealbhadh, lìbhrigeadh is sgrùdadh sreath leasanan airson comasan sa Ghàidhlig a neartachadh ann an suidheachadh tro mheadhan na Gàidhlig is sinn a’ teagasg cànan tro chuspair. Bidh oileanaich a’ leasachadh nan goireasan a bhios freagarrach airson taic a chumail ri ionnsachadh nan sgoilearan mar phàirt den a seo.
Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
A’ taisbeanadh tuigse iomlan air amasan is builean nan dòighean bogaidh air leasachadh a’ chiad is an dàrna cànain ann an seagh eadar-nàiseanta is foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus a’ toirt iomradh sònraichte air suidheachaidhean mion-chànain/mòr-chànain - Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
A’ meas is a’ sgrùdadh dhòighean oide-eòlais a tha a’ ceangal beum air tuigse susbaint a’ chlàir-oide agus teagasg a’ chànain is a’ ghràmair is iad a’ toirt iomradh air rannsachadh eadar-nàiseanta - Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
A’ taisbeanadh eòlas is tuigse air cho fìor chudromach is a tha ro-innleachdan ullaichte airson cànan is pongalachd an neach-ionnsachaidh airson fileantachd is buileachadh foghlaim an neach-ionnsachaidh a thoirt am feabhas - Buil Ionnsachaidh 4 (LO4):
A’ mìneachadh is a’ seasamh (eadar teòiridh, poileasaidh is dòighean-obrach) nam buannachdan do luchd-ionnsachaidh an cois chom-pàirteachasan agus àrainn Ghàidhlig nas beartaiche, am broinn na sgoile agus na coimhearsnachd gu lèir - Buil Ionnsachaidh 5 (LO5):
A’ meòrachadh air na modhan-obrach, gnìomhan is fèin-aithne phroifeiseanta aca fhèin mar luchd-cleachdaidh ag obair tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ taisbeanadh tuigse air ciamar as urrainn rannsachadh luchd-cleachdaidh a chleachdadh ann am foghlam Gàidhlig airson dòighean-obrach a thoirt am feabhas
Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Cànain 1 (LaO1):
A’ taisbeanadh cleachdadh den bhriathrachas Ghàidhlig acadaimigeach is phroifeiseanta a tha iomchaidh ann an seagh sgrìobhaidh is labhairt - Buil Cànain 2 (LaO2):
A’ taisbeanadh sgilean cànain adhartach, a leithid pongalachd, gleus is ìre-chainnt ann an seagh sgrìobhaidh is labhairt airson dòighean-obrach a thoirt am feabhas
Module Code:
Credits: 20
Module Code:
Credits: 20
Module Code:
Credits: 20
Module Code:
Credits: 40
MODALAN ROGHAINNEIL
Module Code:
Credits: 20
Geàrr-chunntas a’ Modail
Bidh am modal seo ag adhbharachadh comas is misneachd nan com-pàirtichean anns a’ Ghàidhlig ann an suidheachadh obrach. Leasaichidh com-pàirtichean an tuigse air taobhan bunaiteach de ghràmar na Gàidhlig agus cuiridh am modal beum air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn, ach an tèid cleachdadh cruinn na Gàidhlig a neartachadh airson ionnsachadh a stiùireadh ann an seòmar-teagaisg no airson a cleachdadh ann an seagh proifeiseanta. Cuirear beum air prìomh phuingean gràmair tro ghnìomhan aona neach, obair is com-pàirteachadh buidhne agus gnìomhan eadar-theangachaidh.
Susbaint a’ Modail
Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur beum air na puingean gràmair a leanas:
- Fuaimneachadh
- An gnìomhair ‘bi’
- Gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach
- Gnè ainmearan agus an t-alt (singilte is iolra)
- Am modh neo-chrìochnach
- Roimhearan riochdail
- Tuisealan gràmair: ainmneach, tabhartach, ginideach agus gairmeach
- Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig
Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
A’ taisbeanadh tuigse is eòlas air riaghailtean gràmair ro-ainmichte sa Ghàidhlig. - Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
A’ taisbeanadh comas air cleachdadh riaghailtean gràmair gu h-èifeachdach. - Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
A’ taisbeanadh comas gun urrainnear Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig (SQA, 2009) a chur an sàs ann an obair sgrìobhaidh. - Buil Ionnsachaidh 4 (LO4):
A’ tarraing is a’ meòrachadh air fiosrachadh à caochladh thùsan is a’ cleachdadh sgilean sgrùdaidh iomchaidh.
Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Cànain 1 (LaO1):
A’ taisbeanadh comas sa ghràmar thar gach comas cànain, èisteachd, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh airson cleachdadh proifeiseanta a thoirt am feabhas.
Module Code:
Credits: 20
Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo ag adhbharachadh comas is misneachd aig ìre àrd aig com-pàirtichean is iad a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh proifeiseanta. Bidh com-pàirtichean a’ leasachadh an tuigse air taobhan nas adhartaiche den ghràmar agus bidh am modal ag amas air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn airson cleachdadh cruinn na Gàidhlig a bhrosnachadh gus an urrainnear ionnsachadh a stiùireadh sa chlas no ann an suidheachadh proifeiseanta eile. Bithear a’ cur beum air caochladh phuingean gràmair adhartach tro ghnìomhan do dh’aona neach, obair buidhne is com-pàirteachadh agus gnìomhan eadar-theangachaidh.
Susbaint a’ Mhodail
Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur beum air na puingean gràmair a leanas:
- Fuaimneachadh
- An gnìomhair ‘bi’
- Abairtean gnìomhaireach
- An guth fulangach
- Tuisealan tabhartach is ginideach
- An tràth teachdail dàimheach
- Riochdairean sealbhach
- Mìrean ceisteach
Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
A’ taisbeanadh eòlas is tuigse adhartach air riaghailtean gràmair sònraichte - Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
A’ taisbeanadh comas adhartach air riaghailtean gràmair a shònrachadh gu h-èifeachdach - Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
A’ taisbeanadh comas adhartach air Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig (SQA, 2009) a chur an sàs ann litearrachd
Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Cànain 1 (LaO1):
A’ taisbeanadh comas gràmair adhartach, agus cleachdadh cruinn de dh’ìre cainnte is tòna, thar nan sgilean cànain gu lèir, is iad ri èisteachd, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh, airson cleachdadh proifeiseanta a leasachadh.
Module Code:
Credits: 20
Geàrr-chunntas a’ Mhodail
Bidh am modal seo ag adhbharachadh comas is misneachd aig ìre àrd aig com-pàirtichean is iad a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an suidheachadh proifeiseanta. Bidh com-pàirtichean a’ leasachadh an tuigse air taobhan nas adhartaiche den ghràmar agus bidh am modal ag amas air na ceithir sgilean cànain, leughadh, sgrìobhadh, èisteachd is bruidhinn airson cleachdadh cruinn na Gàidhlig a bhrosnachadh gus an urrainnear ionnsachadh a stiùireadh sa chlas no ann an suidheachadh proifeiseanta eile. Bithear a’ cur beum air caochladh phuingean gràmair adhartach tro ghnìomhan do dh’aona neach, obair buidhne is com-pàirteachadh agus gnìomhan eadar-theangachaidh.
Susbaint a’ Mhodail
Thathar an dùil gun leasaich com-pàirtichean an sgilean cànain tro chom-pàirteachadh is eadar-theangachadh agus iad a’ cur beum air na puingean gràmair a leanas:
- Fuaimneachadh
- An gnìomhair ‘bi’
- Abairtean gnìomhaireach
- An guth fulangach
- Tuisealan tabhartach is ginideach
- An tràth teachdail dàimheach
- Riochdairean sealbhach
- Mìrean ceisteach
Builean Ionnsachaidh
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Ionnsachaidh 1 (LO1):
A’ taisbeanadh eòlas is tuigse adhartach air riaghailtean gràmair sònraichte - Buil Ionnsachaidh 2 (LO2):
A’ taisbeanadh comas adhartach air riaghailtean gràmair a shònrachadh gu h-èifeachdach - Buil Ionnsachaidh 3 (LO3):
A’ taisbeanadh comas adhartach air Gnàthachas Litreachadh na Gàidhlig (SQA, 2009) a chur an sàs ann litearrachd
Builean Cànain
An dèidh crìoch shoirbheachail a chur air a’ mhodal seo, bidh oileanaich comasach air na leanas:
- Buil Cànain 1 (LaO1):
A’ taisbeanadh comas gràmair adhartach, agus cleachdadh cruinn de dh’ìre cainnte is tòna, thar nan sgilean cànain gu lèir, is iad ri èisteachd, bruidhinn, leughadh is sgrìobhadh, airson cleachdadh proifeiseanta a leasachadh.
Module Code:
Credits: 20
Feumalachdan Inntrigidh
Tha an MEd Foghlam Gàidhlig freagarrach do thidsearan mar a leanas:
- tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS a tha ag obair an-dràsta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh
- tidsearan bun-sgoile is àrd-sgoile clàraichte le GTCS aig a bheil Gàidhlig agus bu mhath leotha teagasg ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig no foghlam Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh
Faodaidh tagraichean a th’ air Streap a choileanadh anns na còig bliadhna mu dheireadh iarrtas a dhèanamh airson Bliadhna 2 den duais.
Cìsean is Maoineachadh
Tha an MEd Foghlam Gàidhlig air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba; cha bhi aig oileanaich ri cìsean sam bith a phàigheadh.
A’ Cur A-steach
Airson iarrtas a chur a-steach, thig gu làrach-lìn OGE an seo.