Skip to content

MRanns Gàidhlig agus Ceiltis

DUAIS: Maighstireachd ann an Rannsachadh
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air an Làraich,Air Astar,Làn-ùine,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 1 Bhliadhna (làn-ùine) / 2 Bhliadhna (pàirt-ùine)
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: Abigail Burnyeat
CUIR FIOS: Abigail Burnyeat ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

Tha an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis a’ tabhann dha oileanaich bonn-stèidh phroifeiseanta ann an Sgrùdaidhean na Gàidhlig agus na Ceiltis, a’ toirt cothrom dhaibh na h-ùidhean sgoileireil aca a leantainn agus an cuid sgilean ann an sgrìobhadh acadaimigeach foirmeil, ann an anailis, agus ann an conaltradh a thoirt air adhart tro mheadhan na Gàidhlig.

MÌNEACHADH

Air an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis, gheibh oileanaich trèanadh ann an sgilean-rannsachaidh agus sgilean-sgrìobhaidh Gàidhlig acadaimigeach, cho math ri stiùireadh sònraichte a-rèir an raoin-eòlais a thagh iad. Ann an cruinneachaidhean Leabharlann an t-Sabhail Mhòir, tha farsaingeachd de ghoireasan sgoileireil ri faighinn. Anns na Cruinneachaidhean Sònraichte againn tha cruinneachaidhean barraichte de sheann leabhraichean Gàidhlig clò-bhuailte bhon t-seachdamh linn deug air adhart, cho math ri cruinneachaidhean cudromach de dh’àrsaidheachd agus de làmh-sgrìobhainnean a’ gabhail a-steach Gàidhlig, Eòlas na Ceiltis, beul-aithris, cultar dùthchasach, eachdraidh na Gàidhealtachd, leasachadh na Gàidhlig, agus eachdraidh pìobaireachd. Tha sinn a’ cur fàilte bhlàth gu sònraichte air oileanaich a tha a’ miannachadh feum a dhèanamh de stuth bho na cruinneachaidhean againn nan cuid rannsachaidh.

Faodar an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis a sgrùdadh làn-ùine thar aon bhliadhna, no pàirt-ùine thar na dhà. Dh’fhaodadh oileanaich a bhith stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig air neo ann an àiteigin eile (le dùil gum biodh cothroman aca tadhal air an t-Sabhal Mhòr gu cunbhalach, agus pàirt a ghabhail ann an gnìomhan-rannsachaidh freagarrach).

SUSBAINT

Bidh oileanaich air an MRanns Gàidhlig agus Ceiltis ag obair gu dlùth leis na stiùirichean acadaimigeach aca air pròiseact-rannsachaidh fad bliadhna a dhealbhas iad còmhla. Gheibhear stiùireadh anns na raointean a leanas: