Skip to content

Riaghladh

Tha Sabhal Mòr Ostaig na chompanaidh earranta agus na charthannas, air a riaghladh leis a’ Bhòrd Stiùiridh. Tha uallach air a’ Bhòrd airson roi-innleachd agus riaghladh na Colaiste. Aig ìre gnìomh, tha mòran dleastanasan a’ Bhùird air an riarachadh air Buidheann Stiùiridh na Colaiste, A’ Bhòrd Acadaimigeach agus comataidhean eile air feadh na Colaiste

Poileasaidhean agus Stuthan Laghail

Tha iomadach poileasaidh agus modh-obrach ann aig a bheil buaidh air luchd-obrach agus oileanaich. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn anns an earrainn air Poileasaidhean agus fo dhuilleagan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Airson fios a bharrachd, faodaidh sibh post-d a chuir gu Sarah-Jane Chaimbeul.

Am Bòrd Stiùiridh

Tha Sabhal Mòr Ostaig na chompanaidh earranta agus na charthannas, air a riaghladh leis a’ Bhòrd Stiùiridh

Laghan agus Poileasaidhean

Dòighean-obrach agus poileasaidhean na Colaiste.

Cunntasan Bhliadhnail

Air an duilleig seo gheibhear liosta de Chunntasan Bhliadhnail Sabhal Mòr Ostaig

RO-INNLEACHD 2023-28

Tha Ro-innleachd Shabhal Mòr Ostaig 2023-28 air a foillseachadh air a’ bhliadhna a tha Sabhal Mòr Ostaig air leth-cheud bliadhna a ruigsinn, tha an ro-innleachd ùr seo a’ togail air an t-uabhas a chaidh a choileanadh san àm a dh’fhalbh, agus air na comharran air fàs ann an ionnsachadh agus ùidh sa Ghàidhlig air feadh Alba.

’S e ar lèirsinn, airson an ath chòig bliadhna, gum bi sinn nar sàr ionad Gàidhlig, a’ tairgsinn chothroman ionnsachaidh, rannsachaidh agus cultarach a tha barraichte, gum faigh gach duine againn cothrom a bhith ealanta sa chànan agus sa chultar, agus sinn nar tosgairean dhan Ghàidhlig.

Faodar an Ro-innleachd slàn a leughadh gu h-ìosal.

Ro-innleachd 2023 – 2028 PDF

GÀIDHLIG NA H-ALBA

CÙRSAICHEAN CÀNAIN

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578