Am Bòrd Stiùiridh & Comataidhean
Tha Sabhal Mòr Ostaig na chompanaidh earranta agus na charthannas, air a riaghladh leis a’ Bhòrd Stiùiridh. Tha uallach air a’ Bhòrd airson ro-innleachd agus riaghladh na Colaiste. Aig ìre ghnìomh, tha cuid de dhleastanasan a’ Bhùird air an riarachadh air Buidheann Stiùiridh na Colaiste agus an comataidhean.
Bidh am Bòrd Stiùiridh a’ coinneachadh gach cairteal. Eadar na coinneamhan sin, bidh na Comataidhean a’ coinneachadh. Tha buill co-thaghte a’ suidhe air na Comataidhean sin a bharrachd air Buill a’ Bhùird agus Oifigearan. Tha obair nan Comataidhean nas mionaidiche. Tha oileanaich air an riochdachadh aig coinneamhan a’ Bhùird le Ceann-suidhe Comann nan Oileanach.
Comataidhean:
Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd
Comataidh Chorporra
Comataidh Sgrùdaidh
Chaidh Seanadh Acadaimigeach Sabhal Mòr Ostaig a chur air bhog ann an 2023, air am bheil uallach airson ro-innleachd leasachaidhean acadaimigeach na Colaiste. Tha luchd-obrach agus oileanaich air an riochdachadh cuideachd.
Ma bhios ceistean sam bith agaibh mu Bhòrd Stiùiridh an t-Sabhail, faodar fios a chur gu Rùnaire a’ Bhùird.
CATHRAICHE AGUS BUILL A BHÙIRD

Aonghas MacAonghais
Cathraiche a’ bhùird
Ball Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd

An Dr Gillian Rothach
Prionnsapal
Ball Comataidh Corporra

An Dr Decker Forrest
Ball Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd
Stiùiriche Cùrsa:
BA (Urr) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta

Donalda McComb
Iar-chathraiche
Cathraiche, Comataidh Chorporra

Seonaidh MacKillop
Ball Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd

Wilson MacLeòid
Ball Comataidh Chorporra

Roddy Neithercut
Ball Comataidh Sgrùdaidh

Fiona Dunn
Ball Comataidh Chorporra
Ball Comataidh Sgrùdaidh

An t-Àrd-Oll. Bryan MacGriogair
Àrd Bhall Neo-eisimileach
Ball Comataidh Sgrùdaidh

Aonghas L. MacLeòid
Cathraiche, Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd

Dànaidh MacRath
Ball de Bhòrd Sabhal Mòr Ostaig

Calum Steele
Ball de Bhòrd Sabhal Mòr Ostaig

Ceanag NicDhòmhnaill
Ball de Bhòrd Sabhal Mòr Ostaig

Amber Blake
Riochdaire Oileanach

Shonagh NicCoinnich
Riochdaire Oileanach
COMATAIDH AN IONMHAIS IS NA H-OIGHREACH

Alex Miller
Ball Co-thaghte den Chomataidh Ionmhais is na h-Oighreachd

Donnie MacLeòid
Ball Co-thaghte Comataidh an Ionmhais is na h-Oighreachd.
A’ CHOMATAIDH SGRÙDAIDH
Tha a’ Chomataidh Sgrùdaidh a’ coimhead air dearbhadh gu bheil siostaman agus modhan-obrach na Colaiste feumail agus fallain. Tha Cathraiche neo-eisimileach aig a’ Chomataidh seo, nach eil na bhall den Bhòrd.
Chan fhaod Cathraiche a’ Bhùird suidhe air a’ chomataidh. Gheibh Prionnsapal na Colaiste cuireadh a thighinn turas sa bhliadhna.
Bidh an luchd-sgrùdaidh (a-muigh agus in-sgrùdaidh) a’ frithealadh nan coinneamhan.
DÈ THA DOL SAN SGÌRE?
CÙRSAICHEAN CÀNAIN