Fàilte gu Cùrsaichean Goirid Shabhal Mòr Ostaig
THA DUILGHEADASAN AGAINN AN-DRÀSTA LEIS A’ BHATHAR-BOG PÀIGHIDH, AGUS THA SEO A’ CUR BACADH AIR CÙRSAICHEAN A BHUCADH. THA SINN AG OBAIR AN-DRÀSTA GUS FUASGLADH FHAIGHINN AIR AN SEO.
’S ann do dhuine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig agus ann an cultar a’ chànain a tha na cùrsaichean goirid againn. Bidh sibh ag ionnsachadh ann an dòigh a tha làn spòrs is tlachd, an dà chuid air an làraich agus air astar tro Zoom.
Ma thig thu gu Sabhal Mòr Ostaig airson cùrsa aghaidh-ri-aghaidh, bidh tachartasan is dibhearsan ann air an oidhche a mhaireas nad chuimhne gu bràth!
Tha sinn an dòchas gum faic sinn a dh’aithghearr thu, agus faodaidh tu fios a chur thugainn an seo.

