Clasaichean Air-loidhne – Foghar is Geamhradh 2026/27
Bidh an ath phrògram de chlasaichean air-loidhne a’ tòiseachadh anns an Dàmhair, agus bidh iad a’ gabhail àite tro Zoom.
Ma tha cùrsaichean sam bith ann a chòrdadh leat fhaicinn, nach leig thu fios thugainn air: .
Cuir fios thugainn ma tha cairt Young Scot agad, air neo ma tha thu 26 bliadhna a dh’aois no nas òige agus a-riamh ann an suidheachadh cùraim (mar eisimpleir: cùram-daltachd, còmhnaidh leth-neo-eisimeileach no dachaigh-cùraim) agus math dh’fhaodte gum faighear suas ri 30% far a’ chùrsa agad!
TOBAR AN DUALCHAIS: ‘CEANGLAICHEAN CRUTHACHAIL’
Bidh an cùrsa thairis ceithir latha seo air a stiùireadh leis an Dr Mairi McFadyen agus Raghnaid Sandilands, agus ‘s ann airson daoine cruthachail (luchd-ealain lèirsinneach, sgrìobhadairean, ceòladairean, tidsearan, luchd-rannsachaidh ùr beul-aithris agus luchd-teagaisg cruthachail) a tha an cùrsa.
05–08 Dàmhair 2026
09:30 – 15:00
BUIDHEANN BLEADRAICH LE IAIN URCHARDAN
Air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, tha an cùrsa seo a’ solarachadh beairteas de dh’abairtean ghnàthasach is de bhriathrachas a lìbhrigeas fileantas-còmhraidh airson oileanaich a thoirt air adhart bhon inbhe a ruigeadh aig Ìre 8 gu barrachd comais conaltraidh.
A’ tòiseachadh 19 Dàmhair 2026
19:00 – 20:00 gach Diluain fad 8 seachdainean
CLAS CÒMHRAIDH LE BRIA MASON
(Eadar-mheadhanach)
Tha na clasaichean seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do dh’oileanaich. Le beachdachadh air diofar cuspair gach seachdain, bheir na h-ochd chlasaichean seo seachad cothrom dhuibh do bhriathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthasan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an còmhradh ri chèile.
A’ tòiseachadh 19 Dàmhair 2026
13:00 – 14:30 gach feasgar Diluain fad 8 seachdainean
FUAIM-EÒLAS SÌMPLIDH NA GÀIDHLIG LE ROB PAINTER
Cothrom air leth airson fuaim-eòlas gu leòr ionnsachadh gus an urrainn do dh’oileanaich faclan Gàidhlig a thar-sgrìobhadh agus am fuaimneachadh. Seo deagh sgil gus briathrachas ùr ionnsachadh, diofaran beaga ann am fuaimneachadh thar dualchainntean na Gàidhlig a mhothachadh agus fèin-mhisneachd a thogail nad chuid labhairt.
A’ tòiseachadh 19 Dàmhair 2026
19:00 – 20:30 gach Diluain fad 6 seachdainean
BLASAD NA BREATNAISE LE FAÑCH BIHAN-GALLIC
Anns a’ chùrsa ghoirid a tha seo gheobh sibh blasad den Bhreatnais agus de dhualchas nam Breatnach thairis air seachd leasanan. Chan eilear an dùil gum bi e comasach dhuibh mòran a ràdhainn aig deireadh a’ chùrsa, agus ’s e am prìomh-amas beachd farsaing a thoirt dhuibh air a’ chànan agus mar a dh’obraicheas e.
A’ tòiseachadh 20 Dàmair 2026
19:00 – 20:30 gach Dimàirt fad 7 seachdainean
GÀIDHLIG ÌRE 4
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh nas mionaidiche a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh.
CÙRSA CÒMHRAIDH LE IAIN HOWIESON
(Adhartach)
GÀIDHLIG ÌRE 2
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
- ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
- agus structaran coimeasach.
A’ tòiseachadh 22 Dàmhair 2026
19:00 – 20:30 gach Diardaoin fad 8 seachdainean
YOGA AIRSON LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG – AIR ZOOM
Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo bidh sinn a’ dèanamh measgachadh eadar yoga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach , freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
A’ tòiseachadh 22 Dàmhair 2026
08:00 – 08:30 gach madainn Diardaoin fad 4 seachdainean
A’ GHÀIDHLIG AIR CRUTH NA TÌRE
Tha an cùrsa aon-latha seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid bealach, allt is eilean, agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh.
07 Samhain 2026
10:00 – 15:30
AM FAOILLEACH 2027 AGUS AIR ADHART
BUIDHEANN BLEADRAICH LE IAIN URCHARDAN
Air a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig, tha an cùrsa seo a’ solarachadh beairteas de dh’abairtean ghnàthasach is de bhriathrachas a lìbhrigeas fileantas-còmhraidh airson oileanaich a thoirt air adhart bhon inbhe a ruigeadh aig Ìre 8 gu barrachd comais conaltraidh.
A’ tòiseachadh 18 Faoilleach 2027
19:00 – 20:00 gach Diluain fad 8 seachdainean
CLAS CÒMHRAIDH LE BRIA MASON
(Eadar-mheadhanach)
Tha na clasaichean seo ag amas air cothrom còmhraidh a thoirt do dh’oileanaich. Le beachdachadh air diofar cuspair gach seachdain, bheir na h-ochd chlasaichean seo seachad cothrom dhuibh do bhriathrachas a leudachadh, abairtean agus gnàthasan-cainnte a chleachdadh agus aig an aon àm misneachd a thogail ann an còmhradh ri chèile.
A’ tòiseachadh 18 Faoilleach 2027
13:00 – 14:30 gach feasgar Diluain fad 8 seachdainean
GÀIDHLIG ÌRE 4
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh a tha a’ tuigsinn Gàidhlig aig ìre eadar-mheadhanach ìosal agus a tha comasach air còmhradh nas mionaidiche a dhèanamh le bhith a’ cleachdadh structaran sìmplidh.
GÀIDHLIG ÌRE 2
Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig. San ìre seo, gheibhear ionnsachadh air:
- roimhearan ùra, mar ‘anns’ agus ‘às’;
- ro-riochdairean, mar ‘aig’ agus ‘ann’;
- agus structaran coimeasach.
A’ tòiseachadh 20 Faoilleach 2027
10:00 – 11:30 gach madainn Diciadain fad 8 seachdainean
CÙRSA CÒMHRAIDH LE IAIN HOWIESON
(Adhartach)
YOGA AIRSON LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG – AIR ZOOM
Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo bidh sinn a’ dèanamh measgachadh eadar yoga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach , freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
A’ tòiseachadh 21 Faoilleach 2027
08:00 – 08:30 gach madainn Diardaoin fad 5 seachdainean
A’ GHÀIDHLIG AIR CRUTH NA TÌRE
Tha an cùrsa aon-latha seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid bealach, allt is eilean, agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh.
23 Faoilleach 2027

12 Gearran 2027
10:00 – 15:30
YOGA AIRSON LUCHD-IONNSACHAIDH NA GÀIDHLIG – AIR ZOOM
Anns a’ chlas eacarsaich aotrom seo bidh sinn a’ dèanamh measgachadh eadar yoga agus Pilates gus ar corp a shìneadh agus a neartachadh ann an dòigh fhallain. Bidh seo dà-chànanach , freagarrach do dhaoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig.
A’ tòiseachadh 25 Gearran 2027
08:00 – 08:30 gach madainn Diardaoin fad 5 seachdainean
Airson fios air Susbaint a’ Chùrsa aig gach Ìre Gàidhlig, cliog air na ceanglaichean gu h-ìosal:
| Gàidhlig Ìre 1 | Gàidhlig Ìre 2 |
| Gàidhlig Ìre 3 | Gàidhlig Ìre 4 |
| Gàidhlig Ìre 5 | Gàidhlig Ìre 6 |
| Gàidhlig Ìre 7 | Gàidhlig Ìre 8 |
| Gàidhlig Ìre 9 | Gàidhlig Ìre 10 |
| Gaelic Level Equivalences | |