Skip to content
Eilidh Russell

Aodann a’ Chomainn!

Cò thu, agus cò às a tha thu?

Is mise Eilidh Russell agus ’s ann à Inbhir Nis a tha mi.

Dè an cùrsa air a bheil thu?

Tha mi air an dàrna bhliadhna a’ dèanamh ceum ann an Gàidhlig is Foghlam.

Dè na cur-seachadan a th’ agad?

Is toil leam a bhith a’ snàmh air a’ bhlàr a-muigh agus is toil leam a bhith a’ dèanamh croiseadh.

Dè na 3 rudan as fheàrr mu dheidhinn a bhith nad oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig?

Na cèilidhean, caraidean gu math dlùth agus a’ faireachdainn mar phàirt de choimhearsnachd Ghàidhlig làidir.

Carson a thagh thu a bhith an sàs le Comann nan Oileanach am-bliadhna?

Bha mi ag iarraidh pàirt a ghabhail ann a bhith a’ cur thachartasan air dhòigh, agus bha mi den bheachd gum biodh e na chothrom leasachaidh math dhan mhisneachd agam.

Dè seòrsa rudan a bhios tu fhèin a’ dèanamh mar Cheann-suidhe a’ Chomainn?

Mar cheann-suidhe, bidh mi a’ stiùireadh nan coinneamhan againn, a’ conaltradh leis a’ bhòrd-stiùiridh agus bidh mi a’ cumail sùil air na meadhanan sòisealta againn. A bharrachd air sin, bidh mi a’ dèanamh cinnteach gu bheil sinn ag aithneachadh beachdan no molaidhean nan oileanach eile.

Dè na prìomhachasan a th’ aig Comann nan Oileanach air a’ Bhliadhna Acadaimigeach seo?

  • Cleachdadh na Gàidhlig
  • Tachartasan – barrachd tachartasan air an làraich agus sa choimhearsnachd
  • Leasachadh air na meadhanan sòisealta

Agus beagan spòrs… 60 diog còmhla ri Ceann-suidhe CnO, Eilidh Russell!

  • Àm na Nollaige no àm na Bliadhn’ Ùire? – Àm na Nollaige
  • Taigh-seinnse no club dannsa? – Taigh-seinnse
  • Instagram no TikTok? – TikTok
  • Ceòl pop no ceòl na pìoba? – Ceòl na pìoba
  • Tì no cofaidh? – 
  • Cèic no càise? – Cèic
  • Spòrs no ceòl? – Ceòl
  • Valtos no Niteworks? – Valtos
  • Teanta no taigh-òsta? – Teanta
  • Agus mu dheireadh, dè am facal Gàidhlig as fheàrr leat? – Dileag

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578