Gàidhlig A1 (Pàirt 2): Luchd-tòiseachaidh le beagan Gàidhlig
Fad deich seachdainean (14.11.24 – 19.12.24) & (09.01.25 – 30.01.25)
Gach Diardaoin: 12:30 – 14:00
Cosgais gu lèir: £50
Pàrantan/Seann-phàrantan FtMG: £25
Tha Sabhal Mòr Ostaig is Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil toilichte a bhith ag obair còmhla gus sreath de chlasaichean Gàidhlig a thabhann aig a’ Chrùbh a’ tòiseachadh a-rithist san t-Samhain.
Bidh na clasaichean seo (A1 Pàirt 2) ag amas air luchd-tòiseachaidh aig a bheil beagan Gàidhlig mar-thà, is iad a’ leantainn chuspairean 6-9 den chùrsa SpeakGaelic A1. Bhiodh na clasaichean seo freagarrach do dhaoine a tha air cuspairean 1-5 SpeakGaelic A1 a dhèanamh mar-thà, air neo daoine a tha air rudan coltach ri sin ionnsachadh tro shlighean ionnsachaidh eile, leithid Duolingo, Chùrsaichean Goirid is eile. Gheibhear fios air na tha an lùib chuspairean 1-5 is 6-9 A1 air làrach-lìn SpeakGaelic.
Tha na clasaichean seo rim faotainn aig leth phrìs do phàrantan is sheann-phàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus iad air am maoineachadh le taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig. Thèid cìsean a’ chùrsa air adhart gu Iomairt Chamus Chros & Dhuisdeil.
Tha prògraman telebhisein ceangailte ri SpeakGaelic ann air an dèanamh le BBC ALBA agus, a bharrachd air sin, goireasan eile leithid phod-chraolaidhean a tha a’ cur ris, agus làrach-lìn SpeakGaelic airson ionnsachadh air do cheann fhèin. Tha susbaint SpeakGaelic ri fhaotainn aig ìre CEFR A1, A2, B1 & B2 a’ tabhann slighe stèidhichte do luchd-ionnsachaidh airson an cànan ionnsachadh.
Cuir post-d thugainn aig ma tha barrachd fiosrachaidh air dhìth. Tha sinn an seo gus taic a thoirt dhut air do shlighe-ionnsachaidh.
Faodaidh tu am Poileasaidh Dìon-Dàta againn a leughadh an seo.