Skip to content

Cùrsa Bàrdachd – Air an Làraich: 06 An Giblean 2026

Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Bàrdachd le Rody Gorman

Rody GormanTha an cùrsa còig latha seo aig Sabhal Mòr Ostaig ag amas air daoine a tha ag iarraidh cur ri bàrdachd ann an Gàidhlig. Thèid a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla le chèile. Air a’ chùrsa, air a theagasg leis a’ bhàrd Rody Gorman, bithear a’ sgrìobhadh bàrdachd ann an suidheachadh fosgailte, ga deasbad agus ga deasachadh. Thèid sùil a thoirt air na th’ ann de bhàrdachd Ghàidhlig ann an cruinneachaidhean an t-Sabhail cuideachd, mar shamhail do dh’oileanaich a’ chùrsa. Bidh cuideachd Bàrd air Aogheachd a nochdas agus a bhruidhneas air a c(h)uid bàrdachd air aon fheasgar den chùrsa. Ma leigeas an t-side leis, thèid sinn air sgrìob air a’ bhlàr a-muigh a sgrìobhadh is a dheasachadh ar cuid bàrdachd. Thathar an dùil gun leugh na h-oileanaich beagan de na sgrìobh iad air a’ chùrsa aig Cèilidh nan Oileanach a’ dlùthachadh ri deireadh na seachdaine. Bidh taghadh den obair ri fhaicinn air làrach-lìn na Colaiste ri tìde.

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£320
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 6

Please book at Standard Rate unless you are also enrolled in full-time education elsewhere, or on one of our Degree or Distance Learning courses “An Cùrsa Inntrigidh/Adhartais/Diploma” in which case you are entitled to Student Rate.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£225
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 6
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 6

These prices do not include accommodation - add your course to the basket and check room availability here:- https://www.smo.uhi.ac.uk/product-category/rooms/?lang=en Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578