Skip to content

Gàidhlig Ìre 10 – Air an Làraich: 20 Iuchar 2026

Ma dh’fheumas tu àite-fuirich, ‘s urrainnear seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh. Faic an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Gàidhlig Ìre 10 – Air an Làraich

Bidh an cùrsa seo freagarrach do luchd-ionnsachaidh adhartach sa Ghàidhlig a tha air crìoch a chur air Ìrean 1–9 de Chùrsaichean Goirid an t-Sabhail air neo a’ chùrsa Ionnsachadh tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh. Bidh an cùrsa seo cuideachd freagarrach do dh’fhileantaich a tha airson nan sgilean cànain aca a leasachadh. Cleachdaidh an neach-oide stuthan ionnsachaidh an t-Sabhail agus na stuthan aca fhèin, a’ gabhail a-steach òrain Ghàidhlig, bàrdachd is litreachas, briathrachas adhartach, gràmar is còmhradh. Thèid oileanaich a bhrosnachadh gus an cuid sgilean cruthachail a leasachadh tron Ghàidhlig.

Airson làn-fhiosrachaidh fhaighinn mu susbaint a’ chùrsa aig an ìre seo, cliog an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF:
SCQF 8/9
Cùrsa Shabhal Mòr Ostaig ‘Ionnsachadh Tro Chultar Beò ann am Flòdaigearraidh’

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

 

 

Ceann-là
20 - 24 Iuch 2026
Tha an tachartas seo air crìochnachadh
Uair
09:30 am - 12:30 pm
Àite
Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578