
Cuirm-chiùil Choimhearsnachd Sabhal Mòr Ostaig @ 50
Thèid cuirm-chiùil shònraichte a chumail ann an Slèite Dihaoine, 01 Dùbhlachd 2023 bho 7:30f – an hòro-gheallaidh mu dheireadh a tha a’ comharrachadh 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig.
Bidh a’ chuirm seo a’ leantainn sreath de thachartasan tron bhliadhna, a thòisich le oidhche mhòr aig fèis Celtic Connections ann an Glaschu sa Ghearran.
Am measg nan rionnagan tàlantach bhon choimhearsnachd a bhios air an àrd-ùrlar, bidh Christine Primrose, An Dr Decker Forrest, Innes Watson bho Treacherous Orchestra, Aonghas MacCoinnich bho Dàimh agus Eilidh NicCoinnich bho Dòchas, còmhlan-pìoba sònraichte, Katie Wight, Eilidh NicPhàidein, Jennie NicDhonnchaidh, oileanaich bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta, buidhnean bho Bhun-sgoil Shlèite a’ gabhail òrain bhon sgìre fhèin, agus gu leòr eile!
Tha tiogaidean a cosg: £12, air neo £8 air prìs lasaichte (a’ gabhail a-steach oileanaich is daoine fo aois 18), no an-asgaidh dha clann 6 bliadhna a dh’aois no nas òige.
Bidh rafail ann, agus faodar tiogaidean agus tiocaidean rafail a cheannach aig an doras a-nochd.
Am measg nan duaisean tha:
- 2 oidhche anns An Lòchran aig Sabhal Mor Ostaig
- Tiodhlac bho Birch Coffee House
- Dinnear airson 2 aig Kinloch Lodge
- Dinnear airson 2 aig Eilean Iarmain
- Dinnear airson 2 aig Duisdale Hotel
- Dinnear airson 2 aig Taigh-bìdh Scorrybreac, Port Rìgh
- Botal uisge-beatha à Taigh-staile Thorabhaig
- Botal de Gaelic Gin (Gaelic Whiskies)
- Leth-bhreac Glacadh an t-Solais, cruinneachadh de dhàin agus na h-ealain lèirsinneach
- Tiodhlac bho Skye Candles
Tha sinn a’ toirt taing do Mhaoin nan Ealan Gàidhlig aig Fèisean nan Gàidheal airson an taic-airgid.