SÀR LUCHD-CIÙIL A’ COMHARRACHADH 50MH CEANN-BLIADHNA SHABHAL MÒR OSTAIG AIG CELTIC CONNECTIONS

THÈID A’ CHUIRM-CHIÙIL SHÒNRAICHTE SEO A CHRAOLADH AIR A’ BhBC
Thèid cuirm-chiùil shònraichte a chumail aig Celtic Connections Disathairne 04 Gearran gus 50mh ceann-bliadhna Shabhal Mòr Ostaig a chomharrachadh.
’S ann ann an Tallaichean a’ Bhaile ann an Glaschu a bhios a’ chuirm-chiùil, agus seo a’ chiad tachartas am measg grunn a bhios ann fad na bliadhna gus aithne a thoirt do bhuaidh is soirbheachas an t-Sabhail, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.
Tha BBC ALBA agus BBC Radio nan Gàidheal air an naidheachd fhoillseachadh an-diugh gun tèid an tachartas seo a chraoladh air telebhisean is rèidio as t-earrach, prògram a bhios loma-làn de chuid den luchd-chiùil traidiseanta as fheàrr ann an Alba.
Bidh an luchd-ciùil sin a’ nochdadh an cuid spèis do Shabhal Mòr Ostaig agus iad a’ comharrachadh mar a thug e buaidh air a’ bheatha aca fhèin agus air cultar is dualchas na h-Alba, nam measg bidh: Julie Fowlis, Donaidh Rothach, Christine Primrose, Mairead Stiùbhart, Sian, Dàimh, Dòchas, Pàdraig Mac a’ Phearsain, an còmhlan aig Fergie Dòmhnallach agus oileanaich BA (Le Urram) Gàidhlig agus Ceòl Tradiseanta. ’S iad còmhlan na cuirme-ciùil: an Stiùiriche Ciùil Mhairi Hall, Marc Clement, Patsy Reid, Fraser Stone, Ingrid NicEanraig agus Aonghas MacCoinnich, agus fear is bean an taighe airson na h-oidhche Eòghann MacEanraig agus Joy Dunlop.
Thuirt Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig Gillian Rothach:
“Bhiodh cor cànan agus cultar na Gàidhlig gu math eadar-dhealaichte san latha an-diugh mura b’ e Sabhal Mòr Ostaig agus mura b’ e dìleab is buaidh nam mìltean de dh’oileanaich a tha air ceumnachadh thar na leth-cheud bliadhna a dh’fhalbh.
“Tha cothrom againn leis an oidhche shònraichte seo aig Celtic Connections gàirdeachas a dhèanamh ris na daoine air leth tàlantach a tha air a bhith againn aig an t-Sabhal, agus a bhith a’ tàladh ginealach ùr de dh’oileanaich gu cànan is cultar nan Gàidheal. Tha sinn gu math toilichte gu bheil am BBC gu bhith a’ craoladh an tachartais seo air telebhisean agus rèidio.”
Thuirt Dòmhnall Seathach, an Riochdaire Cruthachail airson Celtic Connections a tha a’ comharrachadh an 30mh ceann-bliadhna aca fhèin am-bliadhna: “’S e ionad air leth sònraichte a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig – a tha air oideachadh, brosnachadh is taic a thoirt do mhìltean de dh’oileanaich san 50 bliadhna a dh’fhalbh – agus tha gu leòr dhiubh sin am measg an luchd-chiùil thraidiseanta as fheàrr a th’ againn ann an Alba an-diugh. Tha e na thoileachas mòr dhuinn gu bheil a’ chuirm-chiùil seo airson an 50mh ceann-bliadhna ga cumail aig an fhèis agus sinn a’ toirt urram dhan àite mhìorbhaileach seo agus do na choilean e thar nam bliadhnaichean.”
Thuirt Mairead Chamshron, Stiùiriche Susbaint aig MG ALBA: “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil sinn gu bhith a’ craoladh na cuirme-ciùil sònraichte seo bho Celtic Connections air BBC ALBA mar phàirt dhen bhliadhna gus comharrachadh mar a tha 50 bliadhna ann bho chaidh Sabhal Mòr Ostaig a stèidheachadh.
“Tha Sabhal Mòr Ostaig air adhartas mòr a dhèanamh ann a bhith a’ cur cànan is cultar na Gàidhlig air adhart agus san leth-cheud bliadhna a dh’fhalbh tha iad air brosnachadh is taic a thoirt do chuid dhen luchd-chiùil as fheàrr a th’ againn ann an Alba agus cha bheag na toraidhean cruthachail is ealanta a tha air èirigh bhon obair aca.
“Dhan fheadhainn nach urrainn a bhith an làthair air an oidhche aig Celtic Connections, bidh cothrom aca na gaisgich chiùil an seo fhaicinn agus a chluinntinn air BBC ALBA sa Ghiblean.”
Tha an tachartas seo a’ faighinn taic-urrasachd bho Torabhaig Single Malt Scotch Whisky.