Skip to content

Buidheann Bleadraich le Iain Urchardan – Air-loidhne: 20 Dàmhair 2025

Iain Urchardan

19:00 – 20:30 gach Diluain, 8 seachdainean
Thèid an clas seo a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig.

Tha an cùrsa seo a’ solarachadh beairteas de dh’abairtean ghnàthasach is de bhriathrachas a lìbhrigeas fileantas-còmhraidh airson oileanaich a thoirt air adhart bhon inbhe a ruigeadh aig Ìre 8 gu barrachd comais conaltraidh. Ionnsaichidh tu abairtean ghnàthasach a dh’aithnicheas tùsanaich na Gàidhlig, feadhainn as fheàrr leotha na riochdan coimheach a th’ air an eadar-theangachadh ’s air an toirt bho chànain eile is diofar chultaran. Tha an cùrsa seo a’ solarachadh fhaclan, abairtean is ghnàthasan a dh’aithnicheas iadsan aig an robh sinnsireachd a labhair ar cànan uasal thar linntean.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd Ìre SCQF

  • CertHE An Cùrsa Adhartais
  • Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail Mhòir: Gàidhlig Ìre 8, 9 is 10
  • Cùrsa Fhlòdaigearraidh

Mura h-eil thu cinnteach am biodh an ìre seo a’ freagairt ort, na biodh leisg ort idir fòn no post-d a chur thugainn.

Mu Iain:

Thogadh Iain Urchardan sna Hearadh agus às dèidh a làithean sgoile, chaidh e gu Colaist’ Ealain Ghlaschu. Nuair a cheumnaich e à sin, rinn e obair na phreasantair air rèidio is telebhisean. Chaidh e an uair sin a dh’Oilthigh Obar Dheathain airson diadhachd ionnsachadh, is chuir e seachad 14 bliadhnaichean na mhinistear: an Glaschu, Barraigh is Bhatarsaigh, ’s san Eilean Sgitheanach. Bhon àm sin, tha e air a bhith na òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig ’s na chraoladair aig a’ BhBC, a’ lìbhrigeadh phod-chraodhlaidhean a leithid Beag air Bheag, SpeakGaelic is SpeakGaelic Extra.

 

 

Ceann-là

20 Dàmh 2025 - 08 Dùbh 2025
A' dol an-dràsta…

Uair

19:00 pm - 20:30 pm

Àite

Air-loidhne tro Zoom

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578