Skip to content

Gàidhlig Luchd-tòiseachaidh do Phàrantan – Air-loidhne: 21 Faoilleach 2026

Thèid na clasaichean còmhraidh air-loidhne seo a theagasg gach oidhche Chiadain eadar 20:00 agus 21:00 (seachd seachdainean).

Bithibh mothachail nach bi clas ann 18/02/25.

Gàidhlig Luchd-tòiseachaidh do Phàrantan

A bheil ùidh agad ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig airson do chuid chloinne? Am bu toil leat Gàidhlig a chleachdadh aig an taigh? Bheir an cùrsa seo taic dhut le structaran gràmair bunaiteach, faclan, abairtean, geamaichean agus òrain a b’ urrainn dhut cleachdadh airson àrainn Ghàidhlig a thogail airson do theaghlach.

Mu Lisa

Tha Lisa NicDhòmhnaill na mamaidh le dithis chloinne, a’ teagasg ann am bun-sgoil, ag obair ann am buidhnean pàrant ‘s pàiste, agus na h-òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh i a’ teagasg air a’ Chùrsa Inntrigidh agus cùrsaichean cànain eile, agus tha ùidh mhòr aice ann an dòighean-ionnsachaidh cànain aig clann òg.

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578