Skip to content

SpeakGaelic FICE – Air an Làraich: 16 An t-Ògmhios 2025

Ma dh’fheumas sibh àite-fuirich b’ urrainn dhuibh seo a chur ris a’ bhasgaid às dèidh iarrtas-cùrsa a dhèanamh.  Nach briog sibh an seo airson barrachd fiosrachaidh.

Tha sinn air leth toilichte cùrsa ullachaidh ùr agus measadh a chur air chois do luchd-ionnsachaidh a tha airson teisteanas a choisinn aig ìre A1 den Fhrèam Iomraidh Cumanta Eòrpach (FICE).  Tha an cùrsa seo ag amas air daoine a tha air ìre A1 a ruigsinn mar-thà, le bhith a’ crìochnachadh a’ chùrsa SpeakGaelic A1, no cùrsa eile do luchd-tòiseachaidh coltach ris, agus le bhith a’ dèanamh timcheall air 100 uair a thìde de dh’ionnsachadh.

An cois a’ chùrsa seo bidh trì làithean gu leth de dh’ath-sgrùdadh agus obair phractaigeach ann stèidhte air stuthan-ionnsachaidh a’ chùrsa SpeakGaelic A1, air a leantainn le measadh sgilean nan tagraichean ann an leughadh, sgrìobhadh, labhairt agus èisteachd.  Air dhaibh a’ chùis a dhèanamh air a’ mheasadh, gheibh tagraichean teisteanas bho Shabhal Mòr Ostaig a’ dearbhadh an comais chànain a rèir a’ chlàr-mheasaidh oifigeil aig FICE.

Air dhaibh ìre A1 a ruigsinn, bu chòir do luchd-ionnsaichidh a bhith comasach air faclan agus abairtean làitheil glè bhunaiteach as aithne dhaibh a thuigsinn agus a chleachdadh. Bu chòir gum bi iad comasach iad fhèin agus daoine eile a chur an aithne a chèile agus a bhith comasach air ceistean a chur agus a fhreagairt mu fhiosrachadh pearsanta bunaiteach, mar eisimpleir cò às a tha iad, càit a bheil iad a’ fuireach, fiosrachadh mun teaghlach aca, cur-seachadan agus an obair aca, agus na rudan as toil leotha is nach toil leotha. Bu chòir gum bi luchd-ionnsachaidh comasach air conaltradh bunaiteach a dhèanamh sa chànan air cuspairean pearsanta as aithne dhaibh.

Faicibh an Sgèile FICE agus eisimpleir den mheasadh gu h-ìosal airson tuilleadh mu na thathar an dùil ris bho thagraichean A1.

FICE-A1- Sgrìobhadh Pàipear 1
FICE-A1- Leughadh Pàipear 1
FICE-A1- Èisteachd Pàipear 1
FICE-A1- Bruidhinn Pàipear 1

Clàr-ama na seachdaine:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin: 09:30 – 16:30
Diciadain: 09:30 – 15:00 (deiseil tràth)
Dihaoine: 10:00 – 12:30

  • 1Select Ticket
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£305
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 12
Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£215
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 12
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 12

These prices do not include accommodation - add your course to the basket and check room availability here:- https://www.smo.uhi.ac.uk/product-category/rooms/?lang=en Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

Ceann-là

16 - 20 Ògmh 2025

Uair

9:30 am - 12:30 pm

Àite

Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig
Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, IV44 8RQ
CLÀRAICH

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578