Skip to content

Tobar an Dualchais – Ceanglaichean Cruthachail – Air-loidhne: 05 Dàmhair 2026

Bidh an cùrsa seo air a chumail thairis air ceithir làithean:
• Diluain 9.30m – 3.00f
• Dimàirt 9.30m – 3.00f
• Diciadain 9.30m – 12.30f
• Diardaoin 10.00m – 11.30m

 

Creative Connections 2026

Mar co-obrachadh le Sabhal Mòr Ostaig, tha sinn uabhasach toilichte a bhith a lìbhrigeadh a’ chùrsa ghoirid ‘Ceanglaichean Cruthachail’ airson an t-seachdamh bliadhna.

Bidh an cùrsa seo air a stiùireadh leis an Dr Mairi McFadyen agus Raghnaid Sandilands, agus ‘s ann airson daoine cruthachail (luchd-ealain lèirsinneach, sgrìobhadairean, ceòladairean, tidsearan, luchd-rannsachaidh ùr beul-aithris agus luchd-teagaisg cruthachail) a tha an cùrsa. Chòrdaidh e ri daoine a tha airson barrachd ionnsachadh mun ghoireas air-loidhne seo, cò rinn na clàraidhean agus carson, agus an luach a th’ annta dhuinn san latha an-diugh.

Am bliadhna tha 5 àiteachan bursaraidh gan tabhann le Aonadh Luchd-ealain na h-Alba (SAU) le taing do mhaoineachadh bho Scottish Union Learning. Tha na h-àiteachan gan tabhann do bhuill an SAU a tha às a’ Ghàidhealtachd no a tha stèidhichte anns a’ Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan. (Cuir fios gu Emily Nicholl airson fiosrachadh mu mar a nì thu tagradh.)

Cuiridh com-pàirtichean eòlas air na tasglannan a tha a’ biathadh a-steach gu Tobar an Dualchais, mar Sgoil Eòlais na h-Alba, Cruinneachadh Chanaigh agus BBC Radio nan Gàidheal, a bharrachd air na seanchaidhean mòra a th’ anns na tasglannan am pailteas. Coimheadaidh na h-oidean air mar a chleachdar na clàraidhean bhon ghoireas airson cruthachalachd ionadail, eag-eòlas cultarail agus mothachadh àrainneachd.

Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh tro mheadhan na Beurla ach bidh e a’ coimhead air nithean dlùth-cheangailte ris a’ Ghàidhlig.

Am measg nan seiseanan bidh:

  • A’ phàirt aig tasglannan ionadail ann an cùis-èiginn na gnàth-shìde le Mairi McFadyen
  • Com-pàirteachadh coimhearsnachd cruthachail agus na tasglannan le Raghnaid Sandilands
  • Aiteal – sùil air an t-saoghal bheò agus cànan tro phrosbaig nan tasglannan le Raghnaid Sandilands

Anns a’ chùrsa seo, bidh cuideam air com-pàirteachadh cruthachail. Bidh com-pàirtichean air am brosnachadh gu bhith a’ smaointinn air mar a tha na clàraidhean a’ toirt buaidh orra, agus gheibh iad dòighean agus misneachadh gus tòiseachadh le bhith faighinn a-mach mu na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann don obair aca fhèin- ma ‘s e pròiseact coimhearsnachd ionadail, obair ealain, pìos sgrìobhaidh, no taisbeanadh ciùil a bhios ann.

Ma tha sibh airson barrachd fiosrachadh fhaighinn mun chùrsa, cuiribh post-d gu Flòraidh Forrest aig:   . Faodaidh sibh cuideachd ar leantainn air Facebook agus Instagram, far am faigh sibh na naidheachdan as ùire mun ghoireas air-loidhne seo.

Eisimpleirean bho Thobar an Dualchais:

  • Màiri Mhoireasdan air a clàradh le Iain Latharna Caimbeul ann an 1950 a’ gabhail an t-òran pìobaireachd ‘A Cholla Mo Rùin’.
  • Annag Arnott air a clàradh le Calum Iain MacIllEathain a’ gabhail an srath spè ‘Falbhaidh Mise ’s Padra Mòr’.
  • Aonghas MacIllFhialain ag aithris ‘Duan na Ceàrdaich’ airson Iain Latharna Caimbeul ann an 1949.

 

 

 

  • 1Tagh tiogaid
  • 2Daoine
  • 3Pàigheadh
Form/ticket icon icon
Standard Price
£150
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 4

Please book at Standard Rate unless you are also enrolled in full-time education elsewhere, or on one of our Degree or Distance Learning courses “An Cùrsa Inntrigidh/Adhartais/Diploma” in which case you are entitled to Student Rate.

Chan eil gin de na tiogaidean "Standard Price" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Student
£150
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 4
Chan eil gin de na tiogaidean "Student" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Form/ticket icon icon
Funded
£0
Form/up small icon icon Form/down small icon icon
Àitichean ri fhaotainn: 4

Use the "FUNDED" option if your employer or a bursary awarding authority will be paying the College directly on your behalf. Note you must still go through the checkout process to complete the booking, even if the amount payable is £0.

Chan eil gin de na tiogaidean "Funded" air fhàgail. 'S urrainn dhut tiogaid no ceann-là eile fheuchainn.
Iomlan: 0

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578