Skip to content

Seachdain nan Teaghlach: 08–12 Iuchar 2024

Seachdain nan Teaghlach 2024

***** Tha iarrtasan a-nis DÙINTE. Thèid fios a chur thugaibh greiseag às dèidh dùnadh iarrtasan gus fios a leigeil an robh sibh soirbheachail ann a bhith a’ gleidheadh àite agus le tuilleadh fiosrachaidh. *****

Tha sinn toilichte innse gum bi Seachdain nan Teaghlach a’ tilleadh gu làrach Shabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach 08–12 Iuchar 2024, 20 bliadhna bhon chiad tachartas den leithid ann an 2004.

‘S e tachartas fad-seachdain a tha seo, a’ toirt cothrom do theaghlaichean aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgilean cànain a leasachadh còmhla ann an àrainneachd bogaidh na Gàidhlig, is a bhith a’ measgachadh le teaghlaichean eile à gach ceàrn na dùthcha, a tha ann an suidheachaidhean coltach ris an t-suidheachadh aca fhèin. Bidh cothrom aig pàrantan cùrsaichean cànain Sabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh tron t-seachdain, fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadh tachartas is cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, le teaghlaichean a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche airson measgachadh de thachartasan sòisealta.

Mar a bh’ anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, thèid a’ mhòr-chuid de na cosgaisean an lùib Seachdain nan Teaghlach a phàigheadh le taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, agus le Sabhal Mòr Ostaig is le Comhairle na Gàidhealtachd fhèin, a tha a’ cur an tachartas seo air dòigh. Tha diofar roghainnean ann a thaobh àite-fuirich aig diofar phrìsean, is tha na cosgaisean eile, a thèid a phàigheadh le pàrantan, air an tarrail. Faicibh gu h-ìseal airson tuilleadh fiosrachaidh.

Dealbhan bho Seachdain nan Teaghlach

PÀRANTAN

Cùrsaichean cànain (£145 gach neach)

Thèid na cùrsaichean cànain a chumail air làraich Shabhal Mòr Ostaig aig taghadh de dh’ìrean, a rèir ìre nan com-pàirtichean. Nuair a chuireas sibh iarrtas a-steach, bu chòir dhuibh ìre fhreagarrach a thaghadh airson gach inbheach a bhios a’ gabhail pàirt, agus fios a leigeil mu ionnsachadh sam bith a tha sibh air a dhèanamh roimhe is na h-ìrean a bhios sibh air choileanadh ro thoiseach an tachartais. Gheibh sibh fios mu ìrean nan cùrsaichean is ìrean air cùrsaichean eile a tha co-ionnan an seo.

Thèid cosgaisean cùrsaichean cànain Seachdain nan Teaghlach a thabhann aig leth-phrìs, air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, a bharrachd air taic is subsadaidh bho Shabhal Mòr Ostaig.

CLANN

Aois bun-sgoile: Sgeama-cluiche (£35 gach pàiste)

Gabhaidh clann a th’ aig bun-sgoil Ghàidhlig mar-thà pàirt ann an sgeama-cluiche tron t-seachdain, le iomadh tachartas, an dà chuid a-muigh is a-staigh, leithid tachartasan spòrs, dràma, ealain is ceàirdean.

Aois fo-sgoile: Fàs Mòr (an-asgaidh)

Tha sinn an dùil gum bi cothrom aig clann nach eil anns an sgoil fhathast a dhol gu Fàs Mòr, ionad cùraim-chloinne Gàidhlig a tha stèidhichte faisg air an t-Sabhal.

‘S iad cuid de na cosgaisean as motha cosgaisean cùraim-chloinne is an sgeama-chluiche, ach tha sinn glè thoilichte seo a thabhann aig prìs fada nas ìsle, a tha comasach air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhealtachd.

Feumaidh sibh ainm is latha-breith gach pàiste a chur a-steach tron iarrtas, a bharrachd air ainm na sgoile no sgoile-àraich aig a bheil iad (mar as iomchaidh).

Gu mì-fhortanach, chan eil goireasan againn am-bliadhna airson clann aig aois àrd-sgoile a ghabhail mar phàirt de Sheachdain nan Teaghlach, ach dh’fhaodadh ùidh a bhith aig daoine eile san teaghlach anns a’ chùrsa Pìobaireachd is Drumaireachd (fo aois 21) a bhios a’ dol air an làraich aig an aon àm.

Boy holding Crab

ÀITE-FUIRICH

Tha na roghainnean gu h-ìseal rim faotainn. Cuiribh fios mun roghainn a b’ fheàrr leibh tron iarrtas agus nì sinn ar dìcheall sin a thabhann. Chan eil mòran rùm againn air làraich na Colaiste (gu sònraichte seòmraichean dà-leapa) agus mar sin nach cùmaibh sin nur cuimhne nuair a bhios sibh a’ lìonadh a-steach an iarrtais is a’ cur phlanaichean air dòigh airson ur turais.

Taobh a-muigh na Colaiste

Tha liosta de dh’àitichean-fuirich san sgìre ri faotainn ma tha sin a dhìth – leigibh fios thugainn airson tuilleadh fiosrachaidh.

Campachadh (teanta no bhana-campachaidh)

Faodaidh teaghlaichean campachadh taobh a-staigh làrach Shabhal Mòr Ostaig an-asgaidh, ach chan e làrach-champachaidh oifigeil a th’ innte idir, agus mar sin tha àite is goireasan cuingichte. Thèid tuilleadh fios a chur gu luchd-campachaidh, mar as iomchaidh.

Faodaidh teaghlaichean a bhios a’ campachadh biadh a cheannach anns a’ bhiadhlann.

Àite-fuirich na Colaiste

Bidh a’ mhòr-chuid de theaghlaichean a’ fuireach ann an àite-fuirich na Colaiste fhèin, ann an seòmraichean singilte is dà-leapa. Nì sinn ar dìcheall na roghainnean a thaghas sibh san iarrtas agaibh a thabhann dhuibh is teaghlaichean a chumail ann an seòmraichean faisg air a chèile, ach chan urrainnear sin a ghealltainn.

Tha eisimpleirean de chosgaisean àite-fuirich rim faicinn gu h-ìosal. Thèid na cosgaisean seo a dhearbhadh a rèir a’ mheasgachaidh de dh’àite-fuirich a tha comasach a thabhann do gach teaghlach – rudeigin air nach bi fios gus an tèid àitichean nan com-pàirtichean a dhearbhadh.

Seòmar singilte fad 5 oidhche:

  • 1 inbheach = £196

Seòmar dà-leapa fad 5 oidhche:

  • 2 inbheach = £317
  • 1 inbheach + 1 phàiste = £285

Ma tha sibh airson cot a thoirt leibh airson leanabh, bu chòir dhuibh sin innse san iarrtas. An uair sin, bidh e comasach àite-fuirich a thabhann dhuibh a bhios freagarrach, a rèir na tha comasach. Tha àireamh bheag de chotaichean aig Sabhal Mòr Ostaig rim faotainn air iasad. Leigibh fios ma tha sibh ag iarraidh fear dhiubh a chleachdadh tron t-seachdain, ach bidh agaibh ris an aodach-leapa agaibh fhèin a thoirt leibh.

Tha taigh-beag prìobhaideach anns gach seòmar a bharrachd air coire, tì is cofaidh. Tha na prìsean seo a’ gabhail a-steach bracaist, ach faodar lòn is dinnear a cheannach às a’ bhiadhlann tron t-seachdain. Tha seòmraichean-cruinneachaidh ann am feadhainn de na h-àitichean-fuirich, anns a bheil coire, fuaradair, is microwave a tha rin cleachdadh.

B’ urrainn do theaghlaichean a tha a’ fulang ri linn teanntachd ionmhais bruidhinn ris an sgoil no ùghdarras ionadail aca feuch a bheil dòigh ann airson taic-airgid fhaighinn.

DLEASTANASAN PHÀRANT

Bidh luchd-eagrachaidh an tachartais a’ toirt aire fhoirmeil do phàistean fhad ’s a tha iad aig Fàs Mòr agus an Sgeama-cluiche. ‘S iad pàrantan a tha an urra ri aire don cuid chloinne aig àm sam bith eile.

Feumaidh clann a tha fo aois 16 bliadhna is a tha a’ fuireach na oidhche air làrach Shabhal Mòr Ostaig a bhith còmhla ri inbheach.

Search

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578