Seachdain nan Teaghlach: 07 – 11 Iuchar 2025

Tha sinn toilichte innse gum bi Seachdain nan Teaghlach a’ tilleadh gu làrach Shabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach 07–11 Iuchar 2025.
‘S e tachartas fad-seachdain a tha seo, a’ toirt cothrom do theaghlaichean aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgilean cànain a leasachadh còmhla ann an àrainneachd bogaidh na Gàidhlig, is a bhith a’ measgachadh le teaghlaichean eile à gach cearn den dùthaich, a tha ann an suidheachaidhean coltach ris an t-suidheachadh aca fhèin. Bidh cothrom aig pàrantan cùrsaichean cànain Sabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh tron t-seachdain, fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadh tachartas is cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, le teaghlaichean a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche airson measgachadh de thachartasan sòisealta.
Mar a bh’ anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, thèid a’ mhòr-chuid de na cosgaisean an lùib Seachdain nan Teaghlach a phàigheadh le taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, agus le Sabhal Mòr Ostaig is le Comhairle na Gàidhealtachd fhèin, a tha a’ cur an tachartas seo air dòigh. Tha diofar roghainnean ann a thaobh àite-fuirich aig diofar phrìsean, is tha na cosgaisean eile, a thèid a phàigheadh le pàrantan, air an tarrail. Faicibh gu h-ìseal airson tuilleadh fiosrachaidh.

PÀRANTAN
Cùrsaichean cànain (£150 gach neach)
Thèid na cùrsaichean cànain a chumail air làraich Shabhal Mòr Ostaig aig taghadh de dh’ìrean, a rèir ìre nan com-pàirtichean. Nuair a chuireas sibh iarrtas a-steach, bu chòir dhuibh ìre fhreagarrach a thaghadh airson gach inbheach a bhios a’ gabhail pàirt, agus fios a leigeil mu ionnsachadh sam bith a tha sibh air a dhèanamh roimhe is na h-ìrean a bhios sibh air choileanadh ro thoiseach an tachartais. Gheibh sibh fios mu ìrean nan cùrsaichean is ìrean air cùrsaichean eile a tha co-ionnan an seo.
Thèid cosgaisean cùrsaichean cànain Seachdain nan Teaghlach a thabhann aig leth-phrìs, air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, a bharrachd air taic is subsadaidh bho Shabhal Mòr Ostaig.
CLANN
Aois bun-sgoile: Sgeama-cluiche (£40 gach pàiste)
Gabhaidh clann a th’ aig bun-sgoil Ghàidhlig mar-thà pàirt ann an sgeama-cluiche tron t-seachdain, le iomadh tachartas, an dà chuid a-muigh is a-staigh, leithid tachartasan spòrs, dràma, ealain is ceàirdean.
Aois fo-sgoile: Fàs Mòr (an-asgaidh)
Tha sinn an dùil gum bi cothrom aig clann nach eil anns an sgoil fhathast a dhol gu Fàs Mòr, ionad cùraim-chloinne Gàidhlig a tha stèidhichte faisg air an t-Sabhal.
‘S iad cuid de na cosgaisean as motha cosgaisean cùraim-chloinne is an sgeama-chluiche, ach tha sinn glè thoilichte seo a thabhann aig prìs fada nas ìsle, a tha comasach air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhealtachd.
Feumaidh sibh ainm is latha-breith gach pàiste a chur a-steach tron iarrtas, a bharrachd air ainm na sgoile no sgoile-àraich aig a bheil iad (mar as iomchaidh).
Gu mì-fhortanach, chan eil goireasan againn am-bliadhna airson clann aig aois àrd-sgoile a ghabhail mar phàirt de Sheachdain nan Teaghlach, ach dh’fhaodadh ùidh a bhith aig daoine eile san teaghlach anns a’ chùrsa Pìobaireachd is Drumaireachd (fo aois 21) a bhios a’ dol air an làraich aig an aon àm.

ÀITE-FUIRICH
Tha na roghainnean gu h-ìseal rim faotainn. Cuiribh fios mun roghainn a b’ fheàrr leibh tron iarrtas agus nì sinn ar dìcheall sin a thabhann. Chan eil mòran rùm againn air làraich na Colaiste (gu sònraichte seòmraichean dà-leapa) agus mar sin nach cùmaibh sin nur cuimhne nuair a bhios sibh a’ lìonadh a-steach an iarrtais is a’ cur phlanaichean air dòigh airson ur turais.
TAOBH A-MUIGH NA COLAISTE
Tha liosta de dh’àitichean-fuirich san sgìre ri faotainn ma tha sin a dhìth – leigibh fios thugainn airson tuilleadh fiosrachaidh.
CAMPACHADH (TEANTA NO BHANA-CAMPACHAIDH)
Faodaidh teaghlaichean campachadh taobh a-staigh làrach Shabhal Mòr Ostaig an-asgaidh, ach chan e làrach-champachaidh oifigeil a th’ innte idir, agus mar sin tha àite is goireasan cuingichte. Thèid tuilleadh fios a chur gu luchd-campachaidh, mar as iomchaidh.
Faodaidh teaghlaichean a bhios a’ campachadh biadh a cheannach anns a’ bhiadhlann.
ÀITE-FUIRICH NA COLAISTE & BIADH
Bidh a’ mhòr-chuid de theaghlaichean a’ fuireach ann an àite-fuirich na Colaiste fhèin, ann an seòmraichean singilte is dà-leapa. Nì sinn ar dìcheall na roghainnean a thaghas sibh san iarrtas agaibh a thabhann dhuibh is teaghlaichean a chumail ann an seòmraichean faisg air a chèile, ach chan urrainnear sin a ghealltainn.
ÀITE-FUIRICH
Tha eisimpleirean de chosgaisean àite-fuirich rim faicinn gu h-ìosal. Thèid na cosgaisean seo a dhearbhadh a rèir a’ mheasgachaidh de dh’àite-fuirich a tha comasach a thabhann do gach teaghlach – rudeigin air nach bi fios gus an tèid àitichean nan com-pàirtichean a dhearbhadh.
Seòmar singilte gach oidhche (SEÒMAR A-MHAIN):
- 1 inbheach = £38
Seòmar dà-leapa gach oidhche (SEOMAR A-MHAIN):
- 2 inbheach = £61
- 1 inbheach + 1 phàiste = £55
PLANA BÌDH
Bithear a’ tabhann àite-fuirich am-bliadhna air stèidh SEÒMAR A-MHÀIN gus an urrainn do gach cuid luchd-còmhnaidh agus luchd-campachaidh biadh a cheannach, bracaist nam measg, airson am fuirich gu lèir ro-làimh.
ROGHAINN 1:
Didòmhnaich 06 Iuchar (dinnear) gu Dihaoine 11 Iuchar (lòn)
A’ gabhail a-steach bracaist, lòn agus dinnear gach latha. ‘S e dinnear oidhche Dhòmhnaich a’ chiad diathad a gheibhear agus lòn feasgar Dihaoine an diathad mu dheireadh.
- £80 airson inbheach
- £50 airson pàiste
ROGHAINN 2:
Dihaoine 11 Iuchar (dinnear) agus Disathairne 12 Iuchar (bracaist)
A’ gabhail a-steach dinnear oidhche Haoine agus bracaist madainn Disathairne. Cha bhi lòn no dinnear ri fhaotainn Disathairne.
- £12 airson inbheach
- £7 airson pàiste
ROGHAINN 3:
Didòmhnaich 13 Iuchar (bracaist)
- £3 airson inbheach
- £2 airson pàiste
Feuch an innis thu san fhoirm iarrtais agad ma tha thu airson Plana Bìdh a cheannach. Thoir an aire gum bi am Plana Bidhe air a chur an sàs airson na seachdain slàn agus nach gabh biadh a cheannach bho latha gu latha. Chan urrainn dhuinn lòn no dinnear a thoirt seachad Disathairne, no lòn air Didòmhnaich.
GOIREASAN
Ma tha thu airson cot a thoirt leat airson leanabh, bu chòir sin innse dhuinn san iarrtas. An uair sin, bidh e comasach àite-fuirich a thabhann dhuibh a bhios freagarrach, a rèir na tha comasach. Tha àireamh bheag de chotaichean aig Sabhal Mòr Ostaig rim faotainn air iasad. Leig fios ma tha thu ag iarraidh fear dhiubh a chleachdadh tron t-seachdain, ach bidh agad ris an aodach-leapa agad fhèin a thoirt leat.
Tha taigh-beag prìobhaideach anns gach seòmar a bharrachd air coire, tì is cofaidh. Tha seòmraichean-cruinneachaidh ann am feadhainn de na h-àitichean-fuirich, anns a bheil coire, fuaradair, is microwave a tha rin cleachdadh.
B’ urrainn do theaghlaichean a tha a’ fulang ri linn teanntachd ionmhais bruidhinn ris an sgoil no ùghdarras ionadail aca feuch a bheil dòigh ann airson taic-airgid fhaighinn.
DLEASTANASAN PHÀRANT
Bidh luchd-eagrachaidh an tachartais a’ toirt aire fhoirmeil do phàistean fhad ’s a tha iad aig Fàs Mòr agus an Sgeama-cluiche. ‘S iad pàrantan a tha an urra ri aire don cuid chloinne aig àm sam bith eile.
Feumaidh clann a tha fo aois 16 bliadhna is a tha a’ fuireach na oidhche air làrach Shabhal Mòr Ostaig a bhith còmhla ri inbheach.
Ceann-latha dùnaidh nan iarrtasan: Dihaoine 04 Cèitean, 5f