Am Feadan Airgid a’ tilleadh dhan t-Sabhal airson 2025
The Farpais Pìobaireachd an Fheadain Airgid gu bhith a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig Diciadain 06 Lùnastal 2025 mar thoradh air com-pàirteachas brosnachail eadar a’ Cholaiste, Comunn na Pìobaireachd agus Torabhaig Single Malt Scotch Whisky (Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig).
Thèid an tachartas foirmeil seo a chumail ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil aig Sabhal Mòr Ostaig air oidhche Gheamaichean an Eilein Sgitheanaich, agus bu chòir do dhaoine a bhith an làthair aig 7f agus cùisean a’ tòiseachadh aig 7:30f.
Tha farpais iomraiteach an Fheadain Airgid air a bhith a’ dèanamh gàirdeachas ri ceòl Chloinn MhicCruimein bho thòisich i san Eilean Sgitheanach ann an 1967. Bithear a’ taghadh ceòl airson farpais na bliadhna sa bho liosta nam port aig Clann MhicCruimein a bhathar a’ cleachdadh airson nan àrd fharpaisean pìobaireachd aig Cruinneachadh an Eilein Sgitheanaich.
Tha sianar fharpaiseach ann:
- Angus MacPhee
- Alasdair Henderson
- Sandy Cameron
- Derek Midgley
- Nick Hudson
- Cameron Drummond
Gheibhear tiogaidean aig an doras air an oidhche.
- Inbhich: £10
- Prìs lasaichte: £5
- Clann fo aois 16: An-asgaidh
Le taic bho: Sabhal Mòr Ostaig, Comunn na Pìobaireachd, agus Torabhaig Single Malt Scotch Whisky (Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig)

