FARPAIS IOMRAITEACH AN FHEADAIN AIRGID A’ TILLEADH GU SABHAL MÒR OSTAIG
Tha Farpais Pìobaireachd an Fheadain Airgid gu bhith a’ tilleadh gu Sabhal Mòr Ostaig Diciadain 5 Lùnastal 2026.
Tha an fharpais seo am measg nan tachartasan pìobaireachd as cudromaiche a bhithear a’ cumail gach bliadhna, agus thèid a cumail ann an Talla Dhonaidh Chaimbeil air an oidhche, air an latha a thèid Geamaichean an Eilein Sgitheanaich a chumail, tro chom-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, Comunn na Pìobaireachd agus Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig, a tha a’ toirt taic-urrasachd dhan fharpais.
Chaidh an fharpais iomraiteach a chumail airson a’ chiad uair ann an 1967 san Eilean Sgitheanach, gus gàirdeachas a dhèanamh ri ceòl Chloinn MhicCruimein, pìobairean do Cheann-cinnidh Chloinn MhicLeòid, agus tha an fharpais fhathast air a meas mar aon de na prìomh fharpaisean airson ceòl mòr.
’S e an Dr Jack Taylor am britheamh airson farpais na bliadhna sa, agus ’s iad an sianar fharpaiseach:
- Alastair Brown
- Sandy Cameron
- Steven Leask
- Stuart Liddell
- Derek Midgley
- Brodie Watson Massie
Tha gach farpaiseach air àite fhaighinn san fharpais a chionn ’s gun do shoirbhich leotha ann am prìomh fharpaisean pìobaireachd na h-Alba agus cluichidh iad fear de na fuinn pìobaireachd ainmeil aig Clann MhicCruimein fhad ’s a tha luchd-èisteachd fiosrach agus am britheamh ag èisteachd riutha.
Bidh an tachartas air a chraoladh air Radio Skye Diardaoin 6 Lùnastal 2026.
Thuirt an Dr Decker Forrest, an Stiùiriche Cùrsa airson BA (Urr) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha e na thoileachas mòr dha Sabhal Mòr Ostaig Farpais an Fheadain Airgid a chumail a-rithist, farpais a tha a-nis na thachartas bliadhnail cudromach do mhuinntir an eilein agus do dhaoine ann an saoghal eadar-nàiseanta na pìobaireachd. Seo a’ phrìomh fharpais pìobaireachd airson ceòl Chloinn MhicCruimein, far an cluinnear cuid de na pìobairean as fheàrr san t-saoghal a’ dèanamh taisbeanadh air fuinn, sgeulachdan agus dualchas nam pìobairean Sgitheanach iomraiteach sin.”
Dorsan a’ fosgladh: 7.00f le dùil gun tòisich cùisean aig 7.30f.
Tiogaidean: Rim faotainn aig an doras (chan urrainnear an ceannach air-loidhne): Inbhich £10; Lasachadh-prìse £5; Fo 16 – An-asgaidh.
Tha Uisge-beatha Braiche Singilte Thorabhaig, Sabhal Mòr Ostaig agus Comunn na Pìobaireachd a’ toirt taic dhan tachartas.

