Neach-ealain air Mhuinntireas ùr aig Tobar an Dualchais agus ATLAS Arts
Chaidh an neach-ealain Gàidhlig Frances Driscoll a thaghadh mar Neach-ealain air Mhuinntireas na bliadhna sa aig Tobar an Dualchais (TAD)/ATLAS Arts gus rannsachadh a dhèanamh agus obair a chruthachadh co-cheangailte ri clàraidhean de bheul-aithris a tha ri chluinntinn air làrach-lìn TAD. ’S e seo an t-siathamh bliadhna a chaidh an cothrom sònraichte seo a thabhann do luchd-ealain.
’S ann à Glaschu a tha Frances agus bha i na sgoilear ann an Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. ’S e neach-ealain eadar-chuspaireil agus ioma-chànanach a th’ innte, aig a bheil ceum MA bho Cholaiste-ealain Dhùn Èideann. Tha an obair aice bonntaichte air collage agus tha i a’ gabhail a-steach: dealbhan a dhèanamh; sgrìobhadh; ìomhaighean-gluasadach; dannsa; stàladh-ealain; leabhraichean a dhèanamh; ealain clo-bhualaidh; agus, an-dràsta is a-rithist, taisbeantas. Tha fòcas nam prìomh amasan aice air ath-riochdachadh ìomhaighean agus teacsa, agus an ceangal a th’ aca ri eadar-theangachadh, agus mar a tha cuspairean agus ro-innleachdan air nochdadh taobh a-staigh ghnàthsan film, ealain agus calpachas, gu sònraichte anns an fhicheadamh linn. Bhuannaich Frances Sgoilearachd John Kinross ann an 2022.
Thuirt Frances: “Tha mi air mo dhòigh glan gun deach mo thaghadh mar neach-ealain air mhuinntireas aig TAD/ATLAS Arts. ’S e cothrom sònraichte a th’ ann dhomh gus mo sgilean lèirsinneach a leasachadh ann an dòigh bhreitheach, phrobhail agus sgaoilteach, fhad ’s a tha mi a’ doimhneachadh nan ceanglaichean agam ri cultar na Gàidhlig agus a’ cleachdadh nan sgilean cànain agam. Tha mi taingeil gum bi ùine agam gus rannsachadh brìoghmhor a dhèanamh anns na tasglannan, agus cuideachd airson a’ chothruim a bhith ag obair còmhla ri TAD is ATLAS Arts agus a bhith a’ faighinn taic bhuapa.”
Bidh Frances ag obair pàirt-ùine thairis air na beagan mhìosan ri thighinn agus anns an ùine seo bidh an obair aice ri faicinn tro bhlogaichean agus na meadhanan-sòisealta. Faodaidh daoine cuideachd an obair as ùire aice fhaicinn le bhith a’ leantainn TAD air Facebook agus Instagram.
Chuir Stiùiriche TAD, Flòraidh Forrest, an cèill a cuid toileachais mu thimcheall a’ chom-pàirteachais seo. Thuirt i: “Tha e glè chudromach dhuinn a bhith ag obair còmhla ri daoine cruthachail agus ’s e toileachadh mòr a th’ ann taic a chumail ri Frances ann an com-pàirteachas le ATLAS Arts. Ghabh Frances pàirt anns a’ chùrsa ghoirid againn, ‘Ceanglaichean Cruthachail’, aig deireadh na Sultain agus b’ e deagh chothrom a bh’ ann dhi barrachd ionnsachadh mu na clàraidhean prìseil air làrach-lìn TAD gus an urrainn dhi an obair chruthachail aice fhèin a leasachadh.”
A’ bruidhinn air a’ chothrom a bhith ag obair còmhla ri Frances, thuirt Heather Fulton bho ATLAS Arts: “Tha sinn uabhasach fhèin toilichte gum bi Frances còmhla rinn mar neach-ealain air mhuinntireas am-bliadhna. ’S e goireas prìseil a th’ ann an Tobar an Dualchais agus tha na clàraidhean air-loidhne air leth cudromach ann a bhith a’ gleidheadh agus a’ cur ann an cèill cultar na Gàidhlig. Tha sinn cho dèidheil air a’ mhuinntireas seo is an cothrom a bhith ag ionnsachadh còmhla ris an sgioba agus an neach-ealain, agus tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ faicinn mar a leasaicheas Frances an obair aice anns an ùine seo. Tha sinn fada an comain sgioba Àite, Com-pàirteachas agus Coimhearsnachdan aig Alba Chruthachail a tha a’ cur taic ris a’ mhuinntireas tro Mhaoin Leasachaidh nan Ealain Ghàidhlig.
’S iad an luchd-ealain air mhuinntireas a bh’ ann roimhe: Susannah Bolton (2024); Iseabal Hendry (2023); Calum Fearghasdan (2022); Màiri NicIllÌosa (2021); agus Catherine Weir (2020).

