ÒRAID SIR IAIN 2025: CRAOLADH GÀIDHLIG ANN AN SAOGHAL DIDSEATACH
Bheir an neach-naidheachd is craoladair iomraiteach, Iain Moireasdan, Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail seachad am-bliadhna agus bidh e a’ bruidhinn air Craoladh Gàidhlig ann an Saoghal Didseatach. Thèid an òraid, a bhios Urras an Eilein a’ cur air dòigh gach bliadhna, a thoirt seachad aig 7.30f Diardaoin 13 Samhain aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, agus tha fàilte ron a h-uile duine.
Chaidh an Òraid Chuimhneachaidh a stèidheachadh le Urras an Eilein, le taic bho Shabhal Mòr Ostaig, mar urram dha Sir Iain Nobail às dèidh a bhàis ann an 2010 agus mar chuimhneachan air na choilean e. Bha cliù aig Sir Iain Nobail airson na taice a thug e dhan Ghàidhlig agus airson na rinn e dhan chànan, agus leis an òraid seo tha e mar amas cuimhneachadh air an dìleib a dh’fhàg e a thaobh na Gàidhlig agus air mar a chuidich e gus Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein a chur air bhonn ann an 1973.
Thuirt Cathraiche Urras an Eilein, Mairead NicNeacail:
“Tha e na adhbhar tlachd do dh’Urras an Eilein Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail a chur air dòigh, le taic bho Shabhal Mòr Ostaig, agus sinn a’ cumail oirnn a’ togail air lèirsinn Shir Iain agus nam ball a thòisich an t-Urras o chionn còrr is leth-cheud bliadhna. Tha an aon dealas a nochd iadsan an uair sin airson cànan is cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach fhathast mar bhunait dha ar n-obair, agus tha sinn glè thoilichte gum bi sinn a’ cur fàilte air Iain Moireasdan a bhios a’ coimhead air mar as urrainn do chraoladh na Gàidhlig soirbheachadh ann an saoghal didseatach.”
Thuirt Iain Moireasdan, Cathraiche MG ALBA:
“’S e fìor urram a bhios ann Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail a thoirt seachad am-bliadhna. Thuig Sir Iain am feum a dhèanadh lèirsinn is ceannas ann a bhith a’ neartachadh cor na Gàidhlig, agus tha sinne aig MG ALBA moiteil às mar a tha sinn a’ togail air an dìleib aige. San òraid agam, coimheadaidh mi air na cothroman is cunnartan a gheibhear ann an craoladh na Gàidhlig – gu h-àraidh ann an saoghal far a bheil teicneòlas ùr agus meadhanan aithris is craolaidh ùra a’ tighinn am bàrr fad an t-siubhail. Le bhith a’ dèanamh feum dhen innleachdas a chithear an lùib mheadhanan didseatach, tha sinn an dòchas cur ri ruigsinneachd is tarraing na Gàidhlig, agus dèanamh cinnteach gun soirbhich leis a’ chànan san ùine air thoiseach.”
Thuirt an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha Iain Moireasdan air an t-uabhas a dhèanamh airson, agus ann an, craoladh na Gàidhlig, agus tron cheannas aige aig MG ALBA tha e a’ cuideachadh le bhith a’ toirt stiùir do shaoghal nam meadhanan Gàidhlig. Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air aig Sabhal Mòr Ostaig airson Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cluinntinn molaidhean is beachdan Iain a thaobh mar a dh’fhaodas Gàidhlig soirbheachadh ann an saoghal far a bheilear a’ dèanamh barrachd is barrachd feum de theicneòlas didseatach sna meadhanan.”
Thèid Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Nobail a thoirt seachad aig 7.30f air 13 Samhain aig Sabhal Mòr Ostaig, san Eilean Sgitheanach. Tha fàilte ron a h-uile duine agus tha e an-asgaidh. Ma tha sibh an dùil a bhith an làthair, am biodh sibh cho math fios a chur ann am post-d gu . Thèid an tachartas a chumail ann an Gàidhlig, ach bidh eadar-theangachadh mar-aon ann do dhaoine a tha feumach air.

