Skip to content
SMO Generic Banner Image

Ceòl Mòr Ostaig



Disathairne 27mh An Giblean
Glaschu

Bidh oileanaich, alumni agus luchd-teagaisg bhon chùrsa BA (le Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig a’ cluich aig Ceòl Mòr Ostaig, air a chur air dòigh le Ceòl is Craic, aig an CCA ann an Glaschu air Disathairne 27mh An Giblean. Ron a’ chonsairt, bidh prògram de  bhùithtean-obrach an-asgaidh a’ gabhail àite aig Theatre Gu Leòr, 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Partaig G11 5QP.

 

Bùithtean-obrach @ Theatre Gu Leòr:

1.00f Taisbeanadh leis an neach-ealain Gearmailteach-Albannach Bibo Keeley, a rinn muinntireas neach-ealain san Eilean Sgitheanach ann an 2018, maoinichte le Stiùidiothan Luchd-ealain Wasps.

2.00f Bùth-obrach seinn Gàidhlig le Ellen NicDhòmhnall (SIAN, Dàimh is Niteworks) agus ceumnaiche BA (Urram) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

3.00f Bùth-obrach mheadhanan eadar-obrachail le Alasdair MacAoidh, a’ coimhead air sgilean camara, fuaim agus taisbeanadh.

4.00f Buidheann còmhraidh do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

 

Consairt @ CCA, Sràid Sauchiehall, Glaschu:

7.30f ‘Ceòl Mòr Ostaig’ le Griogair Labhruidh, Aonghas is Eilidh MacCoinnich, Murchadh Camshron, Murdo L MacIver agus oileanaich a’ chùrsa ciùil.

Faodar tiocaidean airson a’ chonsairt a cheannach an seo: https://ccaglasgow.ticketsolve.com/shows/873605084

Gheibhear fiosrachadh slàn mun an tachartas anns an PDF gu h-ìosal.

  Ceòl Mòr Ostaig 2019

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578