A’ Chiad Duais do Sgoilear à Stafainn ann am Farpais Ealain
Choisinn Isla NicLeòid, sgoilear ann am Bun-sgoil Stafainn, a’ chiad duais ann am farpais a chuir Sabhal Mòr Ostaig OGE air chois. Fhuair clann bho bhun-sgoiltean Gàidhlig agus ionadan tro mheadhan na Gàidhlig cothrom air dealbh airson cairt Nollaig a dhèanamh agus cha mhòr nach d’ fhuair a’ Cholaiste 450 dhiubh uile gu lèir. Fhuair Isla, a tha ann an Clas 6 aig an sgoil, camara didseatach agus lethbhreacan den chairt Nollaig, agus fhuair an sgoil seic airson £150.
Fhuair Erin NicMhaolain, a tha ann an Clas 3 ann am Bun-sgoil Condorrat ann an Comar nan Allt, an dara duais agus buannaich i bocsa de stuthan ealain. Thuirt Lisa Moyes, a tha ag obair san roinn mhargaideachd aig Sabhal Mòr Ostaig: “Bha sinn cho toilichte gun d’ fhuair sinn dealbhan bho sgoiltean air feadh Alba agus bha an àireamh cho mòr agus na dealbhan cho math gun robh e doirbh dhuinn na dealbhan a chosnadh na duaisean a thaghadh.
Bu toigh leinn meal-a-naidheachd a chur air Isla agus Erin agus taing mhòr a thoirt dha na sgoilearan agus sgoiltean a chuir dealbhan thugainn – bha na fhuair sinn sònraichte math.”
Chì thu na cairtean a choisinn a’ chiad duais agus an dàrna duais, agus cuideachd taghadh de dhealbhan eile bho dhiofar sgoiltean an seo: