Oideas

Dè tha tachairt nuair a tha àireamh sgoilearan dol am meud tòrr na bu luaithe na bha dùil? Ciamar as urrainn dhuinn dèiligeadh ri fàs mar sin? Dè bhuaidh a tha seo a toirt air sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach?

Anns a chiad phrògram, tha Katie Wight a bruidhinn ri Gwen mu na dùbhlain a nochd stèidheachadh sgoil ùr aig Bun-sgoil Taobh na Pàirce ann an Dùn Èideann.  Tha Katie cuideachd a’ bruidhinn mu bhi ag ionnsachadh air a bhlàr a-muigh ‘s na cothroman agus dùbhlain a tha an sàs, làithean a h-òige ann Canada, agus buaidh a chorona-bhìorais air an sgoil. Tha Katie a-nis na Ceannard aig Bun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach agus tha an còmhradh aca tionndadh dhan diofar eadar a bhith teagasg ann an sgoil beag air an dùthaich agus sgoil sa bhaile mhòr, agus rud no dhà eile cuideachd. 

Ciamar as urrainn cànan sòisealta a bhrosnachadh am measg sgoilearan? Carson a tha e cudromach? As aonais, a bheil clann a’ tionndadh chun a’ Bheurla?

Tha Seonaidh Charity air tòrr rannsachadh, leughadh agus beachdachadh a dhèanamh air a’ cheist, agus sa phrògram seo tha e ag innse do Gwen dè dh’obraich dha san teagasg aige fhèin. Tha e cuideachd a’ toirt iomradh air a bhith a’ dèanamh maighstireachd ann an teagasg, a bhith a’ gluasad gu dreuchd air falbh bhon chlas, agus tha sinn a’ faighinn a-mach carson a tha e a’ smaoineachadh gu bheil ath-sgrùdadh air foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dhìth.

Bheil còir aig tidsearan a bhith a’ ruith chlubaichean san sgoil san ùine aca fhèin? Bheil iad feumail dha na sgoilearan? Agus ann am foghlam Gàidhlig, a bheil iad deatamach ann a bhith a’ cruthachadh cothroman còmhraidh?

Sin am measg nan cuspairean a tha aig Gwen agus Dòmhnall Iain Mac a’ Ghobhainn sa phrògram seo.

‘S e tidsear matamataig a th’ ann an Dòmhnall Iain is e na cheannard-roinne ann Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. Tha e air a bhith ann bho thòisich an àrd-sgoil, is tha e ag innse do Ghwen mar a bha cùisean an uair sin agus mar a tha iad air atharrachadh.

Tha iad cuideachd a’ bruidhinn air cho feumail ’s a bha an teisteanas Streap, is Dòmhnall Iain gun Gàidhlig a sgrìobhadh bhon a bha e sa cheathramh bliadhna san sgoil.

Streap: https://www.smo.uhi.ac.uk/course/streap1/

Foghlam Thidsearan @ Sabhal Mòr Ostaig: https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/ BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil: https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/

Telt Media: https://telt.media/ Sonas Design: https://www.sonadesign.co.uk/

Fàilte gu Oideas, sreath de dh’agallamhan mu Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Gach pod-chraoladh, bidh Gwen Culbertson a’ bruidhinn ri sàr-eòlaichean àrd-sgoile no bun-sgoile mun dreuchd, na dùbhlain agus na fuasglaidhean as fheàrr.

Tha sinn ag amas air leasachadh proifeasanta do dh’oileanaich teagaisg agus luchd-teagaisg – a’ brosnachadh dhòighean smaoineachaidh ùra, a’ togail cheistean agus a’ co-roinn fiosrachadh eadar tidsearan Gàidhlig a tha tric a’ dèiligeadh ris na h-aon dùbhlain nan obair làitheil.

Ach, do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann am Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig, ‘s e deagh chothrom a th’ ann èisteachd ri tidsearan agus eòlaichean a’ cnuasachadh is còmhradh.

Bho a bhith a’ cur Gàidhlig air leabhraichean sgoile an oidhche ro làimh sna h-ochdadan, gu bhith na ciad cheannard aig sgoil Ghàidhlig ùr fa leth sna h-Eileanan, tha an t-uamhas eòlas aig Flòraidh Guidi. An t-seachdain seo, tha i an cuideachd Gwen, ‘son am prògram mu dheireadh san t-sreath.

Tha iad a’ bruidhinn air mar a bha e coltach sna ciad làithean sin – gun ghoireasan no eòlas air an dòigh as fheàrr foghlam Gàidhlig a lìbhrigeadh. Chuir Flòraidh feum air taic na coimhearsnachd is tidsearan eile.

Leis gun robh Flòraidh ann an aonad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla cheana is i a nise os cionn sgoil Ghàidhlig, tha i toirt a beachd air mar a tha gach suidheachadh eadar-dhealaichte agus cho cudromach sa tha e a bhidh dèanamh cinnteach gu bheil àite aig a Ghàidhlig ann an àrainneachd Bheurla.

Tha i cuideachd ag innse do Gwen mu cheannardas agus na dòighean as fheàrr luach fhaighinn bhon sgioba gu lèir. Tha beagan ann mu buannachdan a’ chùrsa Streap, agus mun dragh a th’ air gu leòr thidsearan mu dhi-mhisneachd nan comasan cànain fhèin. Agus, a thaobh sgoilearan, dè tha a dhìth airson farsaingeachd de chainnt a bhrosnachadh.

Ach a bharrachd na càil eile, ge-tà, tha i misneachail mu fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a Ghàidhlig fhèin. Deagh dhòigh crìoch a chuir air an t-sreath.

Tha sinn an dràsta a’ tional bheachdan ‘son sreath a’ dhà. Ma tha smuain sam bith agaibh air dè chòrd ribh is dè nach do chòrd san t-sreath seo, dè eile dh’ iarradh sibh cluinntinn no cò bhiodh math mar aoigh, cuir fios thugainn air na meadhanan sòisealta, no air , bhiodh e cianail fhèin math cluinntinn bhuaibh.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo na ceanglaichean:

Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/

Telt Media https://telt.media/

Sonas Design https://www.sonadesign.co.uk/

Teicneòlas agus teagasg: ciamar as urrainn dhuinn a’ chur gu feum son maith sgoilearan, pàrantan agus tidsearan? Dè na goireasan a ghabhas a chleachdadh son sgoilearan oideachadh ann dòigh nas fheàrr, an ullachadh son linn ùr didseatach, agus son ùine a’ shàbhaladh sa chlas?

An t-seachdain seo tha Gwen a’ bruidhinn ri Dougie Beck, Prìomh Thidsear le uallach son stuthan didseatach ann am Bun-sgoil Mhalaig. Tha Dougie mion-eòlach air a’ chuspair.

Am measg na molaidhean aige tha:

Google Classroom https://classroom.google.com/u/0/h

Screencastify https://www.screencastify.com/

Classdojo https://www.classdojo.com/en-gb/?redirect=true

Book Creator https://bookcreator.com/

Adobe Spark https://www.adobe.com/express/

Soundtrap https://www.soundtrap.com/edu/

Blair Minchin https://twitter.com/Mr_Minchin

Agus ‘son tuilleadh fiosrachaidh mun phod-chraoladh agus na daoine a tha sàs ann, seo ceanglaichean eile:

Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig https://www.smo.uhi.ac.uk/foghlam-thidsearan/

BA Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta: Cùrsa Ciùil https://www.smo.uhi.ac.uk/course/ba-urram-gaidhlig-is-ceol-traidiseanta/

Telt Media https://telt.media/

Sonas Design https://www.sonadesign.co.uk/

Oideas
Oideas
Oideas
Loading
/