Streap: Tèisteanas Iar-Cheumnach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

DUAIS: Cùrsaichean air Astar,Cùrsaichean For-cheum
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air-astar,Pàirt-ùine
DÈ CHO FADA: 1 bhliadhna
CÒD: N/A
NEACH-STIÙIRIDH: Anna Thirkell
CUIR FIOS: Streap: Tèisteanas Iar-Cheumnach ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ( )

FEARTAN SÒNRAICHTE

’S e teisteanas for-cheum aig ìre Mhaighstireachd a tha ann an Streap agus tha 60 creideas na lùib aig ìre 11 SCQF.  Tha an cùrsa ag amas air tidsearan aig a bheil a’ Ghàidhlig agus tha clàraichte leis an GTCS (san sgoil-àraich, bun-sgoil neo àrd-sgoil) a tha a’ lorg ionnsachadh proifeiseanta ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus cuideachd air tidsearan a tha an-dràsta ann am foghlam tro mheadhan na Beurla agus a tha airson gluasad gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

SUSBAINT

Tha trusadh airson an ath chuairt de Streap (An t-Sultain 2020) air tòiseachadh.  Tha a’ mhòr chuid den phrògram air a lìbhrigeadh air loidhne, le trì coinneamhan aghaidh ri aghaidh ann an Glaschu agus seiseanan ionnsachaidh air a’ fòn.  Tha am prògram air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig agus tha cothrom aig luchd-teagasg an eòlas agus tuigse air teòiridh agus rannsachadh air cùl foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh, aig an aon àm ’s a tha iad a’ leasachadh an sgilean Gàidhlig agus tuigse air gràmar na Gàidhlig.

Tha Streap air a ruith ann an com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Oilthigh Obar Dheathain, le maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.  Thèid na cosgaisean uile airson Streap a fhrithealadh, cosgaisean siubhail agus cosgaisean teagaisg a phàigheadh bho bhuidseat a’ phrògraim.

Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo: https://www.abdn.ac.uk/study/postgraduate-taught/degree-programmes/959/gaelic-medium-education/   neo cuiribh fios gu Anna Thirkell, Co-òrdanaiche a’ Phrògraim ath.smo@uhi.ac.uk

Picture of SMO student
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578