SABHAL MÒR OSTAIG AG OBAIR CÒMHLA RI GOOGLE: EALAIN IS CULTAR GUS CÀNANAN ANN AN CUNNART A GHLEIDHEADH
Tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, air a bhith ag obair còmhla ri Google: Ealain is Cultar gus Gàidhlig a chleachdadh an lùib Woolaroo, iomairt AI airson cuideachadh le bhith a’ gleidheadh chànanan a tha ann an cunnart. ’S e a th’ ann an Woolaroo goireas fosgailte bho Google: Ealain is Cultar leis am faod daoine dealbhan-camara a thogail agus a bheir cothrom dhaibh faclan ionnsachadh airson nan rudan a tha mun cuairt orra, agus na faclan sin rim faotainn ann an 30 cànan a tha fo chunnart, agus tha Gàidhlig a-nis nam measg.
Rinn Sabhal Mòr Ostaig obair glè chudromach gus am pàirt Gàidhlig dhen phròiseact a thoirt gu buil, agus thug iad seachad eadar-theangachaidhean agus clàraidhean-fuaime gus am biodh an goireas cho ceart ’s a ghabhas agus gus am biodh cothroman eadar-ghnìomhach ann.
Thuirt Iain Fionnlaigh MacLeòid, am Manaidsear Leasachaidh airson Gnothachas aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig:
“Tha e cho math fhaicinn mar a thathar a’ cleachdadh teicneòlas an seo gus cothroman ùra a thoirt do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh airson Gàidhlig a chleachdadh. Tha Woolaroo a’ cuideachadh dhaoine le bhith a’ togail ceangal ris an àrainneachd a tha timcheall orra, agus leis a’ ghoireas seo faodaidh daoine an cànan fhaicinn agus a chleachdadh nam beatha làitheil. ’S urrainn do dhaoine Gàidhlig a lorg am measg nan nithean a tha mun cuairt orra agus aig an aon àm bidh iad a’ cur eòlas air tè de mhion-chànanan an t-saoghail.”
Thuirt Chance Coughenour, Àrd-mhanaidsear a’ Phrògraim aig Google: Ealain is Cultar:
“Thòisich am pròiseact seo ann an 2021 mar dheuchainn air-loidhne gus daoine a chuideachadh le bhith ag ionnsachadh fhaclan ann an 10 cànanan fo chunnart airson nan nithean a bha mun cuairt orra. Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil sinn a’ cur tuilleadh chànanan ris am-bliadhna bho Afraga, Brasil, Meagsago, An Tuirc, agus Alba. Tha Sabhal Mòr Ostaig air obair fìor chudromach a dhèanamh a thaobh a’ phàirt Ghàidhlig dhen phròiseact, agus tha sinn an dòchas gum brosnaich seo barrachd dhaoine gu bhith a’ togail ceangal ris agus a’ dèanamh gàirdeachas ris a’ Ghàidhlig.” Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu Woolaroo an seo: Woolaroo — Google: Ealain is Cultar

