Sabhal Mòr Ostaig air còrr is £1,300 a thogail dhan choimhearsnachd
Tha Sabhal Mòr Ostaig air còrr is £1,300 a thogail do bhuidhnean coimhearsnachd is buidhnean carthannais tron tachartas bhliadhnail aca, Fèill na Gàidhlig. Bithear a’ cumail Fèill na Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig gach bliadhna, gus cothrom a thoirt do mhuinntir na sgìre, sean is òg, tadhal air a’ cholaiste agus pàirt a ghabhail ann an latha làn spòrs.
Am measg na bha a’ dol air an latha am-bliadhna bha leabharlann do chloinn, caisteal bocadaich, burgairean, bèicearachd, geamannan-bùird, cearcall-còmhraidh Gàidhlig agus tòrr a bharrachd. Am measg nan iomadh nì tarraingeach a bha ri fhaicinn is ri dhèanamh bha bùird aig buidhnean coimhearsnachd, geamannan, agus tachartasan – leithid rafail, tombòla, crannchur, a’ peantadh aodann agus cèilidh air an oidhche – agus thog sin uile airgead airson nam buidhnean ionadail is carthannais a leanas:
- £175 – Fàs Mòr (ionad cùraim-chloinne Gàidhlig ann an Slèite)
- £175 – An Acarsaid (Dachaigh-chùraim san Àth Leathann)
- £175 – Kyleakin Connections (Ionad-latha do dh’inbhich le ciorraman ionnsachaidh)
- £94 – Comhairle nam Pàrant (Comhairle Phàrant Bun-sgoil Shlèite)
- £188 – Comann nan Oileanach (Comann Oileanach Sabhal Mòr Ostaig)
- £496 – Còisir Ghàidhlig an t-Sratha
Thuirt Jennie NicDhonnchaidh, Oifigear Com-pàirteachas Oileanach is Coimhearsnachd aig Sabhal Mòr Ostaig:
‘Tha sinn daonnan a’ dèanamh fiughair mhòr ri Fèill na Gàidhlig agus bha e cho math uiread de dh’oileanaich, luchd-obrach, teaghlaichean, is de dhaoine eile fhaicinn a thàinig a chèilidh oirnn – bha còrr is 100 duine ann air an latha!
‘Bu toil leam taing mhòr a thoirt do na gnothachasan ionadail a thug duaisean seachad airson an rafail a thog £525, agus do Bhòrd na Gàidhlig airson na taice a bhios iad a’ toirt dhuinn airson leithid a thachartasan coimhearsnachd. Leis an taic fhialaidh aca, ’s urrainn dhuinn taic a thoirt do dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd agus carthannais, buidhnean a tha a’ dèanamh obair glè chudromach sa choimhearsnachd ionadail againn a thaobh cùram agus chùisean eile.’
Thuirt Alison NicGilleBhràth bho Chomhairle Phàrant Bun-sgoil Shlèite:
‘Bha e sgoinneil a bhith an sàs san tachartas ionadail mhìorbhaileach seo. Fhuair sinn cothrom beagan sanasachd a dhèanamh air Bun-sgoil Shlèite agus air na bhios comhairle nam pàrant a’ dèanamh, agus bha cothrom aig a’ chloinn barrachd ionnsachadh mu Shabhal Mòr Ostaig agus gus a dhol an sàs ann an iomadh gèam is cur-seachad spòrsail. Tha sinn an dòchas gum bi cothrom againn tilleadh an-ath-bhliadhna!’
Thèid Fèill na Gàidhlig a chumail a-rithist as t-Earrach 2026, agus mar sin cumaibh sùil air làrach-lìn is meadhanan sòisealta Sabhal Mòr Ostaig. Thug Bòrd na Gàidhlig taic do dh’Fhèill na Gàidhlig.

