SPEAKGAELIC
Tha SpeakGaelic – goireas ùr, ioma-ùrlar airson ionnsachadh na Gàidhlig – ga chur air bhog an-diugh (Dihaoine 15 Dàmhair).
Ma tha thu a’ togail na Gàidhlig airson a’ chiad uair neo airson na sgilean agad a neartachadh, tha SpeakGaelic a’ tabhann leasanan aghaidh-ri-aghaidh agus air-loidhne. Tha prògraman rim faotainn air na h-aon chuspairean aig an aon àm tro iPlayer a’ BhBC, BBC Sounds agus na meadhanan sòisealta SpeakGaelic.
Mar phàirt de chom-pàirteachas SpeakGaelic, chruthaich Sabhal Mòr Ostaig stuthan teagaisg an-asgaidh a chaidh a dhealbhachadh gus taic a chumail ri oidean Gàidhlig agus daoine ùra a bhrosnachadh clasaichean Gàidhlig a lìbhrigeadh sa choimhearsnachd.
Thuirt Marsaili NicLeòid, Ball de Bhòrd SpeakGaelic agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig:
“Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte a bhith a’ cruthachadh stuthan teagaisg do ghoireas cho ruigsinneach coileanta ri SpeakGaelic, agus a bheir luchd-ionnsachaidh air slighe phearsanta a dh’ionnsaigh fileantas sa chànan.
“Tha ionnsachadh coimhearsnachd aig cridhe feallsanachd an t-Sabhail mar ionad nàiseanta, agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ tabhann chùrsaichean SpeakGaelic aghaidh-ri-aghaidh.
“Tha sinn anabarrach moiteil gur iad Joy Dunlop agus Calum MacIllEathain, dithis luchd-ceumnachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a bhios aig ceann prògraman SpeakGaelic, agus a bhios a’ cuideachadh gus ginealach ùr de luchd-labhairt na Gàidhlig a chruthachadh.”
Bidh òraidiche an t-Sabhail Mhòir agus preseantair BBC Radio nan Gàidheal Iain Urchardan, a thogadh anns Na Hearadh, a’ lìbhrigeadh susbaint rèidio agus podcastan cuideachd.
Thuirt Màrtainn Mac a’ Bhàillidh, Manaidsear Ionnsachaidh Inbhich aig Sabhal Mòr Ostaig agus cò-ùghdar nan cùrsaichean SpeakGaelic agus Gàidhlig air Duolingo:
“Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Duolingo air aire agus ùidh a thogail anns a’ Ghàidhlig am-measg luchd-ionnsachaidh cànain ann an Alba ach cuideachd am-measg sluagh an t-saoghail mhòir.
“’S e ceum mòr air adhart a tha ann an SpeakGaelic a chuidicheas gus an àrainneachd ionnsachaidh a th’ againn an-dràsta a neartachadh agus a leasachadh, le pailteas ghoireasan ionnsachaidh eagraichte, a stiùireas luchd-ionnsachaidh sean is ùr air adhart gu fileantas.”
Bidh SpeakGaelic, com-pàirteachas eadar Sabhal Mòr Ostaig, BBC ALBA agus MG ALBA, le maoineachadh bho Bhòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba, a’ tabhann slighe ionnsachaidh choileanta ioma-ùrlair, a’ cur na h-àrainneachd digitiche co-aimsireile gu feum.
Bidh na stuthan cùrsa sùbailte seo airson luchd-tòiseachaidh (CEFR ìre A1 Inntrigeadh) a’ solarachadh ionnsachadh thairis air 13 no 26 seachdainean, le 1 no 2 leasanan suas gu dà uair a dh’fhaid gach seachdain. Tha prògraman TBh agus pod-craolaidhean bho BBC ALBA agus làrach-lìn a chumas taic ri ionnsachadh. Bidh trì ìrean a bharrachd ann a’ cumail taic ris an t-slighe ionnsachaidh. Tha an cùrsa seo air a dhealbhachadh air an sgèile CEFR, le ìre A1 Inntrigeadh a-nis fosgailte do dh’iarrtasan aig Sabhal Mòr Ostaig, agus buidhnean lìbhrigidh choimhearsnachd eile.