Cuirm Luchd-ceuma 2021
Cheumnaich 53 oileanaich bhon Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig an t-seachdain-sa chaidh aig cuirm air-loidhne! Chaidh duaisean sònraichte a bhuileachadh air oileanaich a bha aig sàr ìre àrd sa bhliadhna a dh’fhalbh.
Seo Marine Venturi às An Eilbheis a fhuair ‘Duais Comunn na Gàidhealtachd an Lunnainn’ aig a’ chuirm luchd-ceuma airson an adhartais a rinn i sa Ghàidhlig. Thàinig Marine dhan t-Sabhal Mhòr ann an 2019 às dèidh dhì An Cùrsa Adhartais againn a dhèanamh air astar. Thuirt i:
“Às dèidh dhomh an Cùrsa Adhartais a chrìochnachadh, cha robh cothrom agam cumail orm leis a’ Ghàidhlig anns An Eilbheis. Bha e gu math doirbh dhomhsa leis cho mòr is a bha i a’ còrdadh rium, agus beartas a’ chultair ris a bheil i ceangailte cuideachd. Mar sin, dh’fhàg mi an obair agam gus ‘bliadhna dheth’ a chur seachad aig Sabhal Mòr Ostaig san Eilean Sgitheanach oir bha mi airson a bhith fileanta. Tha mi fhathast ann an-diugh, sa cheathramh bliadhna! Cha b’ e siud am plana idir! Is e àite air leth a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig: tha a h-uile duine cho taiceil agus cho brosnachail – cò bhiodh airson fàgail?”