Skip to content
Picture of staff member

An t-Oll. Ùisdean Cheape

Àrd-Òraidiche - MSc Cultar Dùthchasach is Eachdraidh na Gàidhealtachd

01471 888 319

Tuairisgeul pearsanta

Thàinig Ùisdean gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007 an dèidh cùrsa beatha proifeasanta ann an Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba. Còmhla ri co-oibrichean, chruthaich e ceum maighstireachd, a tha a-nis na chùrsa MSc Cultar Dùthchasach agus Eachdraidh na Gàidhealtachd. Chaidh Àrd-Ollamhachd Oilthigh na Gàidhealtachd a thoirt dha ann an 2009.

Teisteanas

  • MA (le Urram) (Oilthigh Dhùn Èideann)
  • PhD (Oilthigh Dhùn Èideann)

Rannsachadh

Eachdraidh shòisealta na h-Alba ann an co-theacs na h-Eòrpa, eachdraidh a’ chultair dhùthchasaich fo bhuaidh ‘Eitneòlais’ agus modhan obrach eadar-chuspaireil ri bhith a’ tarraing a-steach cànan agus briathrachas na Gàidhlig agus dòighean socio-chànanachais, agus eachdraidh agus ceòlmhorachd ionnsramaidean ciùil eadar sgìrean ionadail agus cultar ceòl na Roinn Eòrpa.

Teagasg

UL311973: Cultar Dùthchasach ’s Tìr-mòr na Roinn Eorpa (Stiùiriche)

UL311974: Cultar Dùthchasach: Dòighean Rannsachaidh (Òraidiche)

UL311975: Dòighean-Beatha is Nabaidheachd (Òraidhiche)

UL611967: Imrich is Buaidh Beatha (Òraidiche)

UL411980: Bailtean is Iomairean (Òraidiche)

UQ511920: Tràchdas For-cheum (Òraidiche)

UV907203: What is Culture? (Lecturer)

Fios a bharrachd

Neach-ball Comann Àrsaidheachd na h-Alba  (1981)

Neach-ball Comann Àrsaidheachd Lunnainn (2005)

Neach-ball Comann Rìoghail Cruinn-eòlach na h-Alba (2007)

Iar-Cheann-suidhe Urras Nàiseanta na h-Alba (bho 2005)

Òraidiche pàirt-ùine, Colaiste Rìoghail Ceòl na h-Alba agus Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd (2001-2018)

Neach-comhairle ri Ceòl aig Oilthigh Dhùn Eideann agus aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba

Neach-ball Comataidh Chomhairleachaidh AHRC LSS agus Co-chruinnicheadh MhicGilleMhìcheil MhicBhatair, Oilthigh Dhùn Eideann (2009-2014)

Neach-ball Comataidh Chomhairleachaidh, DASG (Dachaigh airson Stòras na Gàidhlig), Oilthigh Ghlaschu (o chionn 2008)

Neach-comhairle Ro-innleachd Ghlèidhteachas Taigh-tasgaidh Achadh-an-Droighinn, Earra-Ghàidheal (2010-2012)

Neach-comhairle ri eachdraidh ’s cultar airson Gailearaidhean Nàiseanta na h-Alba (bho 2008)

Neach-sgrùdaidh taobh a-muigh Oilthigh Dhùn Eidheann (2009-2013, Ceum BA ‘Scottish Ethnology’, 2013, Tràchdas PhD), Oxford University Music Faculty (2009, Tràchdas PhD).

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578