Skip to content
toisich-banner-G copy2

A’ toirt taic dhan ath ghinealach de luchd-tionnsgain Gàidhlig.

Tro thionnsgaineachd, gheibhear cothroman, gabhaidh coimhearsnachdan a neartachadh agus bheirear beachdan-smuain ùra gu buil. Chaidh Tòisich a chruthachadh gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ dol an sàs ann an iomairtean tionnsgaineach ann an àrainneachd thaiceil, in-ghabhalach agus aig a bheil ceanglaichean ri cultar.

Às bith dè an suidheachadh a th’ agad – ’s dòcha gu bheil thu a’ dol an sàs ann an iomairt thionnsgaineach airson a’ chiad uair, a’ toirt beachd-smuain air adhart a tha aig ìre thràth no gu bheil thu dìreach airson faighinn a-mach dè ghabhas dèanamh – tha Tòisich a’ toirt cothrom dhut air eòlas practaigeach a thogail, stiùireadh fiosrach fhaighinn agus ceanglaichean feumail a thogail a chuidicheas tu le bhith a’ togail misneachd agus a’ coileanadh na tha nad chomas a dhèanamh.

Le bhith a’ toirt luchd-tionnsgain ùra, ceannardan gnothachais fiosrach agus buidhnean bho air feadh Alba còmhla, tha e na amas dhan phrògram coimhearsnachd mhaireannach a stèidheachadh far an gabh beachdan-smuain a thoirt gu buil, co-obrachadh a chur air adhart agus far am bi cothroman ùra a’ tighinn am bàrr.

Air a Chur air Adhart tro Chom-pàirteachas

Tòisich – Prògram airson Luchd-tionnsgain Gàidhlig air a lìbhrigeadh le Elevator ann an com-pàirt ri Sabhal Mòr Ostaig UHI agus le taic bho The Ecosystem Fund.

Còmhla, tha sinn a’ cruthachadh chothroman ùra do luchd-labhairt na Gàidhlig gus eòlas a chur air saoghal na tionnsgaineachd agus sinn a’ toirt chothroman dhaibh gus obrachadh air beachdan-smuain, misneachd a thogail, sgilean a leasachadh agus ceanglaichean a thogail ri coimhearsnachd ghnothachais na h-Alba a bheir taic dhaibh.

Tòisich Logo White

Fiosrachadh mun Phrògram

 

  • Gabhar ri iarrtasan an-dràsta.
  • Air a dhealbh do: Luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an tionnsgaineachd.
  • Air a lìbhrigeadh le: Elevator ann an com-pàirt ri Sabhal Mòr Ostaig UHI.
  • Le taic bho: The Ecosystem Fund.
  • Am measg nan Cothroman tha: Seiseanan airson bheachdan-smuain, cruinneachadh luchd-stèidheachaidh, adhartas le iomairtean ùra agus lìonra leantainneach an luchd-stèidheachaidh.
  • Ionnsachadh Practaigeach: Bùithtean-obrach, luchd-comhairleachaidh, cothroman ceanglaichean a thogail agus stiùireadh fhaighinn bho eòlaichean.
  • A’ Togail Misneachd: A’ coimhead air beachdan-smuain ann an àrainneachd thaiceil far a bheilear a’ gabhail ealla ri cùisean cultarach.
  • Cosgais a’ chùrsa: Làn-mhaoinichte
  • Àiteachan: Chan eil uiread sin ann – thathar a’ moladh dhut clàradh gu tràth

 

Na Buannachdan a Gheibh thu às

Bidh a h-uile neach-tionnsgain a’ tòiseachadh ann an àiteigin.

Chaidh Tòisich a stèidheachadh gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh gus a dhol an sàs ann an iomairtean tionnsgaineach ann an àrainneachd thaiceil far an urrainn dhaibh beachdan-smuain a thoirt air adhart, misneachd a thogail agus ceanglaichean maireannach a thogail le daoine eile.

Explore Ideas G
Build Connections G
Develop Skills G

A bheil Tòisich freagarrach dhutsa?

Tòisich Logo Full Colour

Chan fheum gnothachas stèidhichte a bhith agad no beachd-smuain a tha thu air a thoirt air adhart gu ìre leasaichte, gus pàirt a ghabhail sa phrògram.

Tha Tòisich air a dhealbh airson luchd-labhairt na Gàidhlig aig a bheil ùidh ann an tionnsgaineachd agus a tha airson ionnsachadh mu chothroman ùra ann an suidheachadh taiceil is co-obrachail.

Dh’fhaodadh gu bheil am prògram freagarrach dhut ma tha na leanas fìor:

  • Tha thu nad neach-labhairt na Gàidhlig le beachd-smuain a bu thoil leat a thoirt air adhart
  • Chòrdadh e riut an gnothachas agad fhèin a thòiseachadh
  • Tha thu nad oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig no tha thu air ceumnachadh aig a’ cholaiste
  • Chòrdadh e riut misneachd agus sgilean tionnsgaineach a thogail
  • Chòrdadh e riut coinneachadh ri daoine a tha coltach riut fhèin
  • Chòrdadh e riut faighinn a-mach dè b’ urrainn dhut a dhèanamh tro thionnsgaineachd

Co-dhiù a tha thu a’ gabhail a’ chiad cheum air an turas agad no ag obair aig ìre thràth air beachd-smuain, le Tòisich gheibh thu taic is cuideachadh gus ionnsachadh, ceanglaichean a thogail agus adhartas a dhèanamh.

 

Do Thuras le Tòisich

Aon phrògram. Iomadh Coimhearsnachd.

Chaidh Tòisich a dhealbh mar shlighe eadar-cheangailte thionnsgaineach, far am faod thu a dhol an sàs ann an cùisean aig diofar ìrean a rèir dè an ìre aig a bheil thu fhèin san iomairt thionnsgainich agad. Ma tha thu airson, faodaidh tu a dhol an sàs anns gach ìre mar ìre fa leth leis fhèin, ach còmhla tha na diofar ìrean a’ steidheachadh slighe a bheir taic do luchd-tionnsgain ùra Gàidhlig gus na ciad bheachdan-smuain aca a thoirt gu buil agus an uair sin an ceann ùine gus a bhith nam ball de choimhearsnachd thionnsgaineach mhaireannach.

An seo airson cuideachadh

Ma tha sibh airson bruidhinn air a’ phrògram seo nas mionaidiche, cuiribh post-d gu Karen Clarke aig

Tòisich Logo White

Clàraich an-diugh

Tòisich air an turas thionnsgaineach agad an-diugh fhèin.

Co-dhiù a tha thu a’ beachdachadh air beachd-smuain airson a’ chiad uair no airson an ath cheum a ghabhail leis a’ bheachd sin, chaidh Tòisich a stèidheachadh gus luchd-labhairt na Gàidhlig a chuideachadh le bhith a’ togail misneachd, a’ leasachadh sgilean tionnsgaineach agus a’ togail cheanglaichean ri coimhearsnachd thaiceil.

Ma tha thu deiseil airson na beachdan-smuain agad a thoirt chun na h-ath ìre, b’ fhìor thoil leinn cluinntinn bhuat.

 

Gabhar ri iarrtasan an-dràsta.

Dè na pàirtean dhen phrògram aig Tòisich sa bheil ùidh agad?

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578