A’ Ghàidhlig air Cruth na Tìre – Air-loidhne: 07 Gearran 2026
Ruithidh an cùrsa seo ann an dà sheisean:
Seisean 1: 10:00 – 12:00
Seisean 2: 13:30 – 15:30
Chithear ainmean-àite Gàidhlig air feadh an àite ann an Alba, agus gu sònraichte anns na beanntan. An robh thu riamh mì-chinnteach mu mar a chanas tu ‘Liathach’ no ‘Spidean a’ Choire Sheasgaich’ gu ceart? A bheil ùidh agad anns an diofar eadar sgùrr, cnoc agus meall? Am bu toil leat ciall ainmean bheanntan, bhealach, alltan is sgeirean a thuigsinn gus tuigse fhaighinn air an cuid fheartan no eachdraidh?
Tha an cùrsa Gàidhlig air Cruth na Tìre ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid bealach, allt is eilean, agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh. Rè an dà sheisean de dhà uair a thìde, gheibh thu greim air riaghailtean fuaimneachaidh na Gàidhlig agus ciall nan cumaidhean as cumanta air cruth na tìre. Bidh thu an uair sin comasach na sgilean seo a chleachdadh air grunn ainmean a chì thu nuair a bhios sibh a-muigh.
Chan fheumar eòlas Gàidhlig sam bith airson seo.
Bidh an cùrsa ga lìbhrigeadh tro Zoom agus a’ gabhail a-steach grunn ghnìomhan practaigeach gus do chuideachadh faclan ùra ionnsachadh ann an dòigh spòrsail is aotrom. Gheibhear faidhlichean fuaim agus stuthan ionnsachaidh anns a’ chùrsa.
Mu Janni
‘S i Janni NicUilleim (née Diez) oide a’ chùrsa seo. A bharrachd air a bhith a’ teagasg Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig, tha Janni gu mòr an sàs ann an spòrs air a’ bhlàr a-muigh leithid coiseachd sna beanntan, sreap agus kayakadh air a’ mhuir, agus tha eòlas domhainn aice air eachdraidh is ainmean-àite na h-Alba a bharrachd air cur-seachadan a-muigh.