IARRTASAN FOSGAILTE AIRSON SGOILEARACHD JON SCHUELER

Tha an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, Sabhal Mòr Ostaig, ann an com-pàirteachas le Urras Carthannach Jon Schueler, fìor thoilichte an naidheachd a sgaoileadh gu bheil iarrtasan fosgailte a-nis airson Sgoilearachd Jon Schueler – greis-obrach air mhuinntireas do luchd-ealain lèirsinneach fad trì mìosan anns an Eilean Sgitheanach a tha làn-mhaoinichte.
Tha cothrom an lùib na Sgoilearachd do luchd-ealain san Rìoghachd Aonaichte agus gu h-eadar-nàiseanta obair ùr a rannsachadh, a leasachadh is a thoirt gu buil ann an stiùideo ealain an cois cladach na Linne Slèitich. B’ e cumadh tìre àibheiseach an Eilein Sgitheanaich a dhrùidh air an neach-ealain eas-chruthach chliùiteach, Jon Schueler, agus tha a’ ghreis chòmhnaidh seo airson a dhìleab agus a cheangal leis an àite a chumail beò.
Thuirt Dòmhnall Barker, Oifigear Leasachaidh nan Ealain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig:
“’S e adhbhar toileachais a th’ ann a bhith a’ foillseachadh às ùr Sgoilearachd Jon Schueler agus tha fiughair againn ri iarrtasan fhaighinn bho luchd-ealain air feadh na h-Alba agus nas fhaide air falbh. Tha a’ ghreis-obrach seo ag iarraidh air luchd-ealain lèirsinneach an cuid obrach a leasachadh ann an aon de na h-àiteachan as àille san t-saoghal, fhad ’s a bhios iad a’ dèanamh ceangal le cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.
Chan eil comas labhairt sa Ghàidhlig riatanach airson iarrtasan don sgoilearachd, ach bidh cothrom ann freagairt ri cultar, cànan is dualchas na Gàidhlig a tha fillte gu dlùth ann an cruth-tìre an Eilein. Tha fadachd mhòr oirnn ri bhith a’ faicinn na thig às a’ ghreis chòmhnaidh seo.”
Thuirt Diana Ewer, Urras Carthannach Jon Schueler:
“Tha an sgoilearachd ealain lèirsinneach againn a’ comharrachadh beatha, obair is buaidh ealanta Jon Schueler. Tha an sgoilearachd a’ tilleadh ann an dòigh nas treasa, às dèidh beàrn air sgàth COVID-19. Gheibh an neach-ealain a shoirbhicheas £8,000, cho math ri àite stiùideo, àite-fuirich, cosgaisean siubhail agus buidseat airson uidheam ealain thar trì mìosan.
Tha sinn a’ sireadh luchd-ealain a tha ag obair aig an ìre as àirde de dh’obair-ealain cho-aimsireil a tha airson greis rannsachaidh, leasachaidh is obrach a ghabhail os làimh ann an àite a tha an dà chuid iongantach is brosnachail. Mar sin, nach cuir thu iarrtas thugainn?”
Bidh iarrtasan fosgailte airson Sgoilearachd Jon Schueler Scholarship suas chun 14 Samhain aig 5f (GMT). Bidh an neach-ealain a shoirbhicheas an sàs anns a’ ghreis obrach as t-Samhradh 2026. Tha fiosrachadh air iarrtasan ri fhaighinn an seo: Sgoilearachd Jon Schueler – Sabhal Mòr Ostaig