CEANN-SUIDHE NA H-ÈIREANN A’ TOIRT ÒRAID SABHAL MÒR OSTAIG SEACHAD
Thug Ceann-suidhe na h-Èireann, Catherine Connolly, Òraid an t-Sabhail seachad aig Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig, san Eilean Sgitheanach an-diugh, Disathairne 19 Sultain.
Bha Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam, Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein an làthair cuideachd airson an tachartais iomraitich far an robhar a’ coimhead air na ceanglaichean eachdraidheil agus co-aimsireil eadar coimhearsnachdan Gàidhlig is Gaeilge ann an Alba is Èirinn, agus air na daoine, iomairtean, ionadan is buidhnean a tha air cuideachadh le bhith a’ neartachadh nan ceanglaichean sin.
Cuideachd air an latha bha ceòl ann bho Julie Fowlis, a bha na h-oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, agus Éamon Doorley, agus chualas bàrdachd bho Makar na h-Alba, Pàdraig MacAoidh, a bha uair na Sgrìobhadair air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig.
’S i an Ceann-suidhe Connolly an treas Ceann-suidhe na h-Èireann a tha air òraid a thoirt seachad aig Sabhal Mòr Ostaig, thug an Ceann-suidhe Máire Mhic Róibín an òraid seachad ann an 1997 agus thadhail an Ceann-suidhe Máire Mhic Ghiolla Íosa air Sabhal Mòr Ostaig ann an 2002 gus an òraid a thoirt seachad.
Thuirt Ceann-suidhe na h-Èireann, Catherine Connolly:
“‘S e onair a th’ ann dhomh a bhith an seo san Eilean Sgitheanach an-diugh, a chàirdean. Mòran taing airson m’ fhiathachadh gu Sabhal Mòr Ostaig. Tha an fhàilte chridheil Cheilteach a fhuair mi, chan ann a-mhàin an seo ach ann an diofar ionadan air feadh ur dùthcha, air drùdhadh orm gu mòr.
“Mo thaing dhuibhse, Rùnaire Cabinet Màiri Nic Ailein, Prionnsabal Gilllian Rothach, luchd-obrach, oileanaich agus aoighean Sabhal Mòr Ostaig airson ur cuideachd an-diugh.
“‘S e seo a’ chiad turas agam dhan eilean àlainn agaibh, ach tha e a’ faireachdainn coltach ri dùthaich mo shinnsrean fhèin ann an Conamara. Tha a’ mhuir, agus luimead na h-àrainneachd gam fhàgail cofhurtail, aig baile. Tha fuaimean na Gàidhlig a’ toirt gum chuimhne cànan àrsaidh mo mhuinntir fhèin.
“Gàidhlig na h-Alba ‘s na h-Èireann, cànanan a tha càirdeach do chèile, dìreach mar a tha an dàimh eadarainn is sinn nar nàbaidhean ann an càirdeas, ann an anam is ann an spiorad.
“Tha e na adhbhar dòchais dhomh cluinntinn gu bheil a’ Ghàidhlig a’ soirbheachadh, mar a tha a’ Ghàidhlig ann an Èirinn o chionn greis. Is cinnteach gu bheil an inbhe a fhuair a’ Ghàidhlig anns an t-Samhainn 2025 mar chànan oifigeil ann an Alba a’ cuideachadh.”
Thuirt Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam, Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein, na leanas:
“Tha cànan is cultar na Gàidhlig riatanach dhan dàimh luachmhoir, eachdraidheil eadar Alba agus Èirinn. Tha e na thlachd dhomh fàilte a chur air a’ Cheann-suidhe Connolly aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, gus na ceanglaichean-cànain is -cultair leantainneach eadar na dùthchannan againn a chomharrachadh.
“Leis an obair a rinn Riaghaltas na h-Alba bho chionn ghoirid gus inbhe oifigeil a thoirt dhan Ghàidhlig, tha taic nas treasa ann dhan chànan ann am foghlam, planadh agus leasachadh choimhearsnachdan ann an Alba. Mar an ceudna, fad còrr is 50 bliadhna tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ tabhann shlighean-foghlaim Gàidhlig sònraichte do dh’oileanaich, ’s iad a’ cur an dà chuid ri ath-bheothachadh a’ chànain aig ìre ionadail agus ri fàs eaconamach air feadh na dùthcha.”
Thuirt an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“B’ e urram mòr a bh’ ann fàilte a chur air a’ Cheann-suidhe Catherine Connolly agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam, Cultar agus Gàidhlig, Màiri NicAilein gu Sabhal Mòr Ostaig, agus cluinntinn bhuapa mu na ceanglaichean làidir agus maireannach eadar coimhearsnachdan Gàidhlig is Gaeilge ann an Alba is Èirinn.
“Tha piseach agus atharraichean a’ tighinn air ar cànanan an lùib foghlam, cultar agus sna coimhearsnachdan a tha gan cumail beò. Tha sinn an dòchas gun neartaich an tachartas eachdraidheil seo na ceanglaichean eadarainn agus gun tèid cothroman ùra a chruthachadh dha na ginealaich ùra de Ghàidheil a bhios ann.”

