Ceumnachadh 2026
Ceumnaichean bho gach ceàrnaidh eadar Uibhist a Tuath is Florida a’ tighinn còmhla airson na ceumnachd.
Thàinig ceumnaichean bho iomadh àite eadar Uibhist a Tuath agus Florida cruinn còmhla aig Ceumnachd Sabhal Mòr Ostaig Dihaoine 2 Dàmhair agus iad a’ dèanamh gàirdeachas còmhla ri càirdean, caraidean agus luchd-obrach ri soirbheachas gach neach.
Cheumnaich luchd-ceuma 2026 le teisteanasan ann an Gàidhlig, foghlam agus na meadhanan, agus thug triùir ceum a-mach le Urram aig a’ Chiad Ìre agus thugadh 36 ceuman barraichte seachad. Cuideachd, fhuair deichnear oileanach duaisean sònraichte gus aithne a thoirt dhan t-sàr obair a rinn iad.
Am measg nan ceumnaichean am-bliadhna, bha:
Sylvie (Raonaid) Zacrep bho Cocoa Beach, Florida, a cheumnaich le BA le Urram Gàidhlig agus a fhuair Duais Clann ’Ic Mhuirich. ’S e na freumhan teaghlaich aice agus an ùidh mhòr a th’ aice ann am bàrdachd agus sgeulachdan Gàidhlig a thug brosnachadh dhi gus Gàidhlig ionnsachadh, agus nuair a thadhail Sylvie air Sabhal Mòr Ostaig airson na Ceumnachd, b’ e sin a’ chiad turas a bha i air tadhal sna seachd bliadhna bho thòisich i air ionnsachadh air astar aig Sabhal Mòr Ostaig. Thuirt Sylvie: “’S e urram mòr a th’ ann a bhith aig a’ cheumnachd còmhla ris na h-oileanaich eile agus a h-uile duine aig Sabhal Mòr Ostaig. Às dèidh dhomh a bhith ag ionnsachadh air-loidhne airson seachd bliadhna gun a bhith a’ tadhal, tha mi a’ faireachdainn gu bheil an cearcall slàn a-nis. Thar gach nì eile, tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ toirt taing dhan luchd-obrach agus dha na h-òraidichean – sin an rud as cudromaiche dhòmhsa.”
Ruairidh N Greumach, bho Bhreacais san Eilean Sgitheanach, neach-ciùil a chleachd a bhith ann an Niteworks agus a tha a-nis sa chòmhlan Lusa. Cheumnaich e le PGDE ann am Foghlam Bun-sgoile agus tha e a-nis air a’ bhliadhna phròbhaidh aige ann an Geàrrloch.
Thug Somhairle MacIain, craoladair a chleachd a bhith na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, òraid na ceumnachd seachad, agus rinn e iomradh sònraichte air an tidsear Ghàidhlig aige san àrd-sgoil, Mgr MacCoinnich, a thug air Somhairle a bheachd air a’ chànan atharrachadh às dèidh dha a thoirt gu Deasbad Nàiseanta nan Sgoiltean agus a thug brosnachadh do Shomhairle gus a dhol gu Sabhal Mòr Ostaig. San òraid aige, thuirt Somhairle: “Aig Sabhal Mòr Ostaig, dh’ionnsaich mi an t-uabhas mun Ghàidhlig agus mum dheidhinn fhèin, rinn mi caraidean a bhios nam bheatha gu bràth, agus bha an cothrom agam fuireach ann an àite far an robh Gàidhlig dha-rìribh beò – agus àite a bha glè fhaisg air cuid de na beanntan as fheàrr ann an Alba!” Gheibhear an òraid air fad an seo.
Cuideachd aig a’ Cheumnachd, chaidh an t-urram Sàr Ghàidheal a bhuileachadh air Raonaid Nic a’ Phearsain agus Iain Tormod MacLeòid airson na tha iad air a dhèanamh airson cànan, foghlam agus cultar na Gàidhlig. Tha Raonaid, tidsear às na Hearadh, air a bhith an lùib leudachadh agus leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig diofar ìrean thairis air na bliadhnaichean. Chuir Iain Tormod, neach-foghlaim à Stafainn san Eilean Sgitheanach, 35 bliadhna seachad aig Sabhal Mòr Ostaig mar òraidiche, Stiùiriche Foghlaim is Iar-Phrionnsapal.
Thuirt an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha a’ Cheumnachd a’ toirt cothrom dhuinn aithne a thoirt dhan obair a tha an lùib gach duais is teisteanais, agus gus gàirdeachas a dhèanamh ri soirbheachas nan oileanach a tha air cùrsaichean a dhèanamh air-loidhne agus air an àrainn, agus iad à iomadh àite eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Florida, agus iad uile air cur romhpa a bhith ag ionnsachadh ann an Gàidhlig, a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig nam beatha agus a bhith a’ cur na Gàidhlig air adhart gach cothrom a gheibh iad.
“Tha sinn cho moiteil às mar a tha na h-oileanaich againn air soirbheachadh. Às bith dè nì iad a-nis, eadar foghlam, na meadhanan no obair sna coimhearsnachdan aca fhèin, bidh iad a’ fàgail Sabhal Mòr Ostaig leis na sgilean agus a’ mhisneachd a bhios a dhìth orra gus buaidh mhòr a thoirt air cor agus seasamh na Gàidhlig.”

