SABHAL MÒR OSTAIG SAN T-SEACHDAMH ÀITE SAN RA AGUS SA CHIAD ÀITE ANN AN ALBA AIRSON FOGHLAM
AN CÙRSA AIRSON TRÈANADH THIDSEARAN FHATHAST AM MEASG NAN DEICH AS FHEÀRR SAN RA
Tha am BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig, còmhla ri trì prògraman eile aig UHI airson foghlam thidsearan, san t-seachdamh àite airson foghlam thidsearan ann an Stiùireadh a’ Ghuardian air Oilthighean 2027 – agus ’s iadsan na h-aon phrògraman Albannach sna deich as fheàrr san RA airson chùrsaichean foghlaim.
Tha am prògram, air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, air àite a ghleidheadh am measg nan deich cùrsaichean foghlam thidsearan as fheàrr san RA airson dà bhliadhna ann an sreath, às dèidh dhan phrògram àite a ghleidheadh san treas àite ann an Stiùireadh a’ Ghuardian air Oilthighean ann an 2026.
Nuair a bhios an Guardian a’ dèanamh measadh air cuspairean, bidh iad a’ beachdachadh air foghlam is beatha nan oileanach agus a’ dèanamh measadh air prògraman a rèir dhiofar shlatan-tomhais, leithid ìrean riarachaidh a thaobh teagasg is mheasaidhean, an àireamh de luchd-obrach an coimeas ris an àireimh de dh’oileanaich, ìrean leantalachd am measg oileanach, adhartas acadaimigeach agus na cothroman dreuchdail a gheibh oileanaich às dèidh dhaibh ceumnachadh.
Thuirt Gwen NicGuaire, Stiùiriche Foghlam Thidsearan aig Sabhal Mòr Ostaig:
“Tha sinn air leth moiteil gun deach ar prògram foghlam thidsearan Gàidhlig, a thathar cuideachd a’ teagasg air astar do dh’oileanaich aig UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall, a mheasadh mar aon de na deich prògraman foghlaim as fheàrr san RA airson an dàrna bliadhna ann an sreath.
“Tha e iongantach gun do ghlèidh prògram spèisealta a tha air a theagasg gu tur tro mheadhan na Gàidhlig an seachdamh àite san RA am-bliadhna, às dèidh dhuinn an treas àite a ghleidheadh an-uiridh. Tha e mar aithne air cho math ’s a tha Sabhal Mòr Ostaig mar ionad ionnsachaidh, agus air eòlas is dìcheall ar luchd-obrach san roinn foghlam thidsearan, agus gu dearbh fhèin, tha e mar aithne air dealas agus soirbheachadh nan oileanach againn.
“Aig àm nuair a tha cruaidh fheum air tidsearan sgileil Gàidhlig air feadh Alba, tha an cliù a tha sinn air coisinn le seo na chomharra air cho cudromach ’s a tha ar BA (le Urram) Gàidhlig agus Foghlam a thaobh sàr-obair ann an raon an fhoghlaim agus a thaobh maith na Gàidhlig.”
Stèidhichte san Eilean Sgitheanach, ’s e Sabhal Mòr Ostaig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Alba. ’S e an aon ionad foghlaim adhartaich is àrd-ìre san t-saoghal a tha a’ lìbhrigeadh a chuid phrògraman gu tur tro mheadhan na Gàidhlig.
Tron phrògram aca airson foghlam thidsearan Gàidhlig, bidh Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt cothrom do luchd-ceumnachaidh cuideachadh le bhith a’ cur ri leudachadh is leasachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean is coimhearsnachdan air feadh Alba.

