Còigeamh seisean beò aig Phrìomh Fo-Ionad Foghlam Gàidhlig le Emily Barnes
Bidh an còigeamh seisean beò againn sa Phrìomh Ionad Foghlam Gàidhlig mar phàirt den Ionad Sàr-mhathais ann an Teagasg na chothrom èisteachd ri Emily Barnes, Iarr-Ollamh ann am Foghlam Cànain san Sgoil Foghlam aig Colaiste na Trianaid ann am Baile Àtha Cliath.
’S e eadar-dhealachadh ionnsachaidh iom-fhillte a tha ann an doille-fhaclan, a tha nas fharsainge na leughadh is litreachadh agus a tha air a sònrachadh gu tric le factaran cognatach, cànanach is àrainneachail. Anns an t-seiminear seo, thèid sinn an lùib doille-fhaclan taobh a-staigh cho-theacsan bogaidh is dà-chànanach le sùil gheur air mar a tha dà-chànanas is siostaman sgrìobhaidh a’ toirt buaidh air leasachadh litearrachd. Bithear a’ beachdachadh air slighean prataigeach airson doille-fhaclan aithneachadh agus a’ dèanamh ceangal le taic eadar-theachdail. Thèid còmhradh a chumail mu ro-innleachdan stèidhte air cleachdaidhean le fianais agus teicneòlasan taiceil le beachdan air cothroman rannsachaidh fo-stiùir luchd-cleachdaidh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Thèid an seisean a lìbhrigeadh sa Bheurla.
Tha na tachartasan seo air an cur air dòigh airson proifeiseantaich a tha ag obair ann am foghlam ann an Alba. Nuair a bhios tu a’ clàradh, cleachd seòladh puist-d sgoile, ùghdarrais ionadail no Glow, no seòladh puist-d proifeiseanta eile ceangailte ris an dreuchd agad. Mur eil dòigh agad air sin a dhèanamh, cuir fios thugainn aig agus thèid againn àite a ghlèidheadh dhut.

