Skip to content

SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Òigridh)

DUAIS: Leasachadh Proifeiseanta,SVQ3
DÒIGHEAN IONNSACHAIDH: Air Astar
DÈ CHO FADA: 18 mìosan
CÒD:
NEACH-STIÙIRIDH: SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Òigridh)
CUIR FIOS: Eilidh Grant ( )

MÌNEACHADH

An e neach-taic sgoile a th’ annad ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, no luchd-obrach nan sgoiltean àraich agus ùidh agad ann an teisteanas proifeiseanta? A bheil thu ag obair còmhla ri òigridh? Air a’ chùrsa SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Òigridh), bidh thu a’ cruthachadh pasgan de dh’fhianais air eòlas, sgilean agus comasan san obair agad fhèin.

Thèid an cùrsa a lìbhrigeadh air astar, agus gheibh thu taic le seisean air-loidhne gach Diciadain còmhla ri oide agus compàirtichean eile. Thèid conaltradh leantainneach a chumail tro phost-d, cho math ri tadhal oide air an àite-obrach agad.

Modalan Riatanach

Thèid na puingean a choileanadh thairis air 12–18 mìosan agus taobh a-staigh ochd aonadan. Tha ceithir dhe na h-aonadan riatanach: ’s iad Conaltradh, Dìon Cloinne, Slàinte & Sàbhailteachd agus Leasachadh Chomasan.

Modalan Roghainneil

A bharrachd air na h-aonadan roghainneil, bidh taghadh agad de dh’aonadan eile à cuspairean a tha a’ freagairt air an t-suidheachadh agad fhèin.

FEUMALACHDAN INNTRIGIDH

Feumaidh tu a bhith nad neach-taic sgoile ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson àite fhastadh air a’ chùrsa seo. Feumaidh cead a bhith agad bhon sgoil agad gus pàirt a ghabhail anns a’ chùrsa.

Cìsean is Maoineachadh

Tha an cùrsa SVQ3 Seirbheisean Sòisealta (Clann is Òigridh) air a làn-mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba; cha bhi aig oileanaich no sgoiltean ri cìsean sam bith a phàigheadh.

A’ Cur A-steach iarrtas

Cuir fios thugainn aig ma tha ùidh agad anns a’ chùrsa seo, air neo gus barrachd fios fhaighinn mu dheidhinn.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578