Cur air bhog: Somhairle MacGill-Eain – Na Bhriathran Fhèin
Tha Acair agus Sabhal Mòr Ostaig a’ toirt cuireadh dhuibh gu cur air bhog leabhar ùr: Somhairle MacGill-Eain – Na Bhriathran Fhèin.
Bidh an tachartas seo mar phàirt de latha mòr air 22/09/2023 far am bi sinn a’ comharrachadh 50 bliadhna de Shabhal Mòr Ostaig.
B’ e Somhairle MacGill-Eain fear de na ciad urrasairean aig Sabhal Mòr Ostaig air ais ann an 1973, còmhla ri Sir Iain Noble, DR MacDhòmhnaill agus Gordon Barr.
Bidh Mark Wringe sa chathair agus e a’ còmhradh ri Màiri Sìne Chaimbeul, Jo NicDhòmhnaill agus duine neo dithis eile.
Thèid an tachartas seo a shruthadh beò air-loidhne, agus bidh eadar-theangachadh beò ri fhaighinn aig an tachartas fhèin ann an Talla Dhonaidh Chaimbeul, Sabhal Mòr Ostaig.
Faodaidh tu an leabhar òrdanachadh ro làimh an seo.
Tha an tachartas seo an-asgaidh, ach tha sinn ag iarraidh oirbh àite a ghleidheadh tro Eventbrite gu h-ìosal.